Seall sruth fallais agus deòir an luib sunnt is aoibhneas, a' coimhead ar siùbhlaichean gaisgeil a'gabhail pàirt gu dàna ann an cuairtean neo-àbhaisteach agus pròiseactan saor-thoileach air feadh an t-saoghail. Tha iad a' faighinn dlùth eòlas air àitichean a tha cho deuchainneach sa tha iad inntinneach; is fhada bhuapa tha comhfhurtachd na dachaigh is iad a' dèanamh an slighe mar is urrainn dhaibh thar ceann a deas Afraga, meadhan Aimeireagaidh, Asia agus na h-Innsean.