Sear Gu Siar
 

Derek  

Ainm: Derek MacIllEathain

Aois: 21
Bho: Inbhir Nis
An robh thu riamh thall- thairis?
Ann an 2003 chaidh mi a-null gu Thailand còmhla ri 35,000 Scout eile airson 3 seachdainean; thog sinn ballaichean airson clann na sgoile, rinn sinn diofar chur-seachadan dhaibh, agus bha sinn a' fuireach ann an teanta. An uairsin chaidh sinn gu Taiwan far an robh sinn air aoigheachd aig teaghlach airson seachdain. Tha mi cuideachd air a bhith ann an àiteachan mar an Spàinn, an Fhraing agus àiteachan mar sin.

Leabhar-latha Derek

6.30 sa mhaduinn agus bha sinn a' dol air bòrd a' phlèan ann an Glaschu! Tha a h-uile duine a' toirt fairis le sgìths aig an àm-sa den latha! Chaidh sinn gu Schiphol anns an Òlaind agus abair thusa gun e port-adhair anabarrach mòr a th'ann!

Bha Deirdre a' smaoineachadh gum biodh e èibhinn nan toireadh i bilichean-cadail luibheanach dhòmhsa, agus cha robh fhios agam cia mheud a bu chòir dhomh a' ghabhail, is ghabh mi ceithir! Lethuair as dèidh sin thuit mi nam chadal agus bha mi nam shuain fhad's a bha sinn air bòrd!

Bha e cha mhòr aon uair deug as t-oidhche mun àm a ràinig sinn port-adhair Delhi anns na h-Innsean, còig uairean an uaireadair air thoiseach air Breatainn. Se a' cheud rud a mhothaich mi, na bha de dhaoine mun cuairt, an teas eagallach agus na bha de stùr san èadhar

Fhuair sinn tacsi dhan taigh-òsda, a 'Hotel Perfect'. Feumaidh mi aideachadh, anns a' chàr bha an dràibheadh a' cur eagal mo chorp orm: bha e buileach gun chiall an dràibheadh aca thall a sud! Bha iad a' sèideadh nan dùdach gun sgur, agus a' gabhail bho sreath gu sreath gun fiù's coimhead anns an sgàthan - bruidheann air gealtach!

Nuair a ràinig sinn an taigh-òsda bha mairt nan suidhe air an starsach, rud a bha gu math annasach!

Bha sinn air ceapairean a' cheannach aig a' phort-adhair agus chaidh mi fhìn is Deirdre dhan rùm agamsa gan ithe. Chùm mise mo chuid fhìn anns a' phacaid gus an do dh' fheuch Deirdre an fheadhainn aicese, chionns bha eagal orm gum biodh iad gràineil leis an t-samh a bh'asda; thug ise glamhadh air agus sann an uairsin a' mhothaich mi dhan chlòimh-liath is cha mhòr nach tug e gòmadaich orm - thuirt mi rithe e agus b'fheudar dhi teiche dhan taigh-beag gus a chuir a mach!

An ath mhaduinn bha sinn a' fàs cleachdte ris an teas agus ris a' bhiadh: chaidh sinn cuairt sìos an t-sràid is ghabh sinn greim bìdh ann an àite ris an can iad PiccaDelhi - bha e sgoinneil!

Feasgar thachair sinn ris an sgioba leis am bitheamaid ag obair fad na cola-deug a bha romhainn. Gu math inntinneach! Rinn sinn as air a'cheud turus còmhla, chun an togalach ainmeil an Taj Mahal.

Bha an Taj eireachdail agus àlainn, is bha e doirbh gabhail a-staigh gu robh sinn dà-rìreabh aig àite cho mìorbhuileach seunta! Chaidh ar toirt air chuairt timcheall air, ach feumaidh mi ràdh gu robh am fear-iùil ro chlis gus bacaidhean a' chur air buidheann inbheach! As dèidh sin chaidh sinn sìos chun na tràghad mu choinneamh an Taj Mahal agus bha feadhainn de mhuinntir an àite shìos còmhla rinn, ach dh'fheumamaid a bhi gu math faiceallach on a chaidh innse dhuinn nach robh ann a feadhainn aca ach gadaichean-pòcaid! Bha càmhal shìos air an tràigh agus bha e mìorbhuileach tachairt air beathach mòr mar seo, brèagha, tomadach!

An oidhche sin chaidh sinn air trèan airson mu thrì uairean a thìde chun an ath thaigh-òsda - cho luath sa chaidh sinn dhan seòmar-bìdh dè chunnaic sinn ach daolag-dhubh mhòr sgreamhail, gad fhàgail gu math teagmhach mun àite!

An ath mhaduinn cha robh sinn ach a' suidhe mun cuairt a' bleadraich ris a' chòrr dhen sgioba, a' faighinn eòlas air càch-a-chèile. Feumar a ràdh gu robh feadhainn aca .. inntinneach! An oidhche sin fhuair sinn tacsi gu trèan-oidhche - airson dusan uair a thìde! Tha mise ag innse dhut - daolagan, an teas - nach bi coin a' bàsachadh ann an càraichean a tha ro theth! Fionnarachadh èadhar? Abair e - ma bha sin a dhìth ort, dh'fheumadh tu dhol gu dorus an trèan!

As dèidh tighinn far an trèan bha sinn trì uairean ann an tacsi, ach stad sinn air an rathad aig 'Stad na Fichead Mìle' ach gu mì-fhortanach cha robh mi a' faireachdainn ro mhath an latha sin. Bha mo mhionach goirt agus bha sannd cuir-a-mach orm! Agus chuir mi mach is b'fheudar dhuinn stad grunnd thursan - abair trom-laighe!

Nuair a ràinig sinn a' champa thachair sinn air a' chòrr den sgioba a-rithist; as dèidh greim diathaid chaidh sinn a-steach gu Himchal a bha glè mhath ach bha daoine cho truagh dheth is gun cuireadh e eagal ort! Bha e doirbh dèiligeadh leis nuair a thigeadh diollacha-dèirce a' sireadh airgiod bhuat, chionns cha b' urrainn dhuinne dìreach a shìneadh dhaibh, ach se bristeadh-cridhe a bh'ann a' faicinn daoine cho bochd.

Air ar bracaist an ath mhaduinn fhuair sinn curraidh, air diathad .. curraidh, agus dè bh'ann airson na dinneireach ach curraidh! Chanainn gun d'fhuair mi curraidh gu leòr a nis! An ath mhaduinn chaidh sinn a mach sna càraichean agus na bhanaichean a'choimhead an togalaich a bha sinn gu bhi sgeadachadh - bha sin air leth math! Bha e uabhasach laghach - thachair sinn air feadhainn de chlann a' bhaile agus thog sinn na dealbhan aca agus sheall sinn dhaibh an uairsin iad agus chòrd e riutha glan gam faicinn fhèin air a' chamara! Bha e sgoinneil!

Thill sinn dhachaidh gu ar diathad agus bha, bha curraidh eile againn, agus teatha Innseanach ris an can iad chai, uabhasach blasta, cianail milis, math fhèin chionn is ainneamh tha mise ag òl teatha aig an taigh! Nam faighinn an cothrom chòrdadh e rium glan fheuchainn a-rithist!

An ath mhaduinn dhùisg sinn tràth, mu 6 uairean sa mhaduinn, tha mise ag innse dhut gu bheil sin tràth nuair a tha thu leum fo fhrasair agus tha an t-uisge ga do lathadh.

Bha iòga againn air a' mhaduinn seo agus chòrd e rium uabhasach math ged nach do dh'fheuch mi riamh roimhe e! Gad ragadh is gad shìneadh feuchainn ri cumaidhean annasach a' chur air do bhodhaig - suarach cho math sa bha mise air! Bha mi cha mhòr làn dhen chnatan an àm a bha an clas seachad, bha an stùr far na bratan iòga sgriosail agus bha an èadhar làn dheth - michiatach! Bha e air leth neònach feuchainn rud mar seo nach do dh'fheuch mi riamh roimhe - ach bha e inntinneach!

Chaidh sinn a-mach as dèidh làimh a' choimhead toglaichean eile a chaidh an leasachadh mus tàinig sinne, ach am faiceamaid dè bha romhainn. Chuir e beagan uabhais orm a' coimhead staid an togalaich a bha sinne a' dol a "Mhaiseachadh" mar a chanas iad sna h-Innsean. Cha robh anns na ballaichean ach seòrsa de saimeant agus poll air cruadhachadh - nam b'urrainn dhut faclan cleas 'ballaichean' agus 'saimeant' a' chleachdadh idir. Cha robh iad colthach ri dad a th'againne an Alba! Bha feadhainn dhe na tuill is na sgàinidhean sna ballaichean cho mòr ri mo dhòrn - gun facal brèige! Agus bha damhain-allaidh san togalach faisg cho mòr ri mo bhois - biasdail mòr co dhiù, agus ruitheadh iad a' cheart cho luath rium fhìn is an t-acras orm!

Bha a h-uile duine a' casadaich agus a' plosgardaich nuair a thòisich sinn air an stùr a' ghlanadh as an rùm, leis na bha de dhust san èadhar. B'fheudar dhuinn na crogain pheant a thanachadh - drudhag pheant a chur ann an cuinneig agus a lìonadh suas le uisge. Cha robh mi creidsinn gun còmhdaicheadh e na ballaichean ach an ath mhaduinn bha mi cho ceàrr sa ghabhadh! Abair gu robh colthas eile air - le còmhdach thana bha e coimhead nas soilleire.

Bha e iongantach, a h-uile h-oidhche a' dol dhan leabaidh bha mi gu tuiteam le sgìths! Bha sinn a' feuchainn ri na b'urrainn dhuinn dhen togalach a' pheantadh ron deireadh sheachdain, nuair a bha sinn a' dol gu Amritsar far a bheil Teampall an Òir, is dh'fhàg sin na lathaichean fada sgìtheil. Dh'fhaodadh tu dhol gu iòga a h-uile latha nan togradh tu - feumaidh mi aideachadh nach deach mi ann ach dà thurus!

Air an Di h-Aoine, seachdain mus do thill sinn dhachaidh, bha sinn a' peantadh gu meadhan-latha, nuairsin chuir sinn oirnn aodach glan agus ghabh mise bilichean feuch an sguirinn a' chur a mach is eile. Bha tòrr spòrs againn air a' bhus ach air an turus abair gun do dh'fhosgail e do shùilean do rudan eadar-dhealaichte gu seachd àraid na tha de bhochdainn san dùthaich. Chaidh sinn seachad air bùth Wranglers, tha an t-ìoranas do-chreidsinneach, bùth bheairteach a th' air soirbheachadh - agus dè chunnaic sinn ach rud eagallach, teaghlach a' beigeireachd air an t-sràid, dh'fhàsadh tu cleachde ris a sin, ach se an rud nach dì-chuimhnich mi a chaoidh, fear dhen chloinn aca, pàisde mu bhliadhna a dh'aois, air a bheul-foidhe rùisgte an dìg an rathaid. Tha faireachdainn cianail a' tighinn orm a' smaoineachadh air - rud a dh'atharraicheas do bheatha nuair a smaoinicheas tu na tha sinne a' gabhail mar gum bitheamaid airidh air a bhos an seo, ach cuideachd tha mi a' cur barrachd luach air iomadh rud bhon aon tiotan a bha sud. Chaidh sinn seachad air an làrach agus mur a biodh tu coimhead a-mach air an uinneig a bha mise, cha bhiodh tu air mothachdainn.

Nuair a ràinig sinn an taigh-òsda ann am Amritsar chaidh sinn gu ar rùmannan - bha iad sgreamhail, salach agus samh asda. Biasdan anns gach àite, daolagan-dubha, dearcain-luachrach, agus leapanan gaoiseideach. Bha e dìreach sgreataidh. Chaidh sinn gu taigh-bìdh a bha a' coimhead snog glan sgiobalta far an robh min dùil a bhiodh e sàbhailte feòl ithe. As dèidh ùpraid gu leòr nochd e an ceann leth-uair! Thill sinn chun an taigh-òsda agus chan eil rian nach orm a bha colthas an Eskimo - am poca-cadail air a shuaineadh cho teann mum aodann is nach robh dad ri fhaicinn ach mo shròin - cha robh daol no frìde a' dol a dh'fhaighinn a-staigh air mo bheul!

Nuair a ràinig sinn an taigh-òsda ann am Amritsar chaidh sinn gu ar rùmannan - bha iad sgreamhail, salach agus samh asda. Biasdan anns gach àite, daolagan-dubha, dearcain-luachrach, agus leapanan gaoiseideach. Bha e dìreach sgreataidh. Chaidh sinn gu taigh-bìdh a bha a' coimhead snog glan sgiobalta far an robh min dùil a bhiodh e sàbhailte feòl ithe. As dèidh ùpraid gu leòr nochd e an ceann leth-uair! Thill sinn chun an taigh-òsda agus chan eil rian nach orm a bha colthas an Eskimo - am poca-cadail air a shuaineadh cho teann mum aodann is nach robh dad ri fhaicinn ach mo shròin - cha robh daol no frìde a' dol a dh'fhaighinn a-staigh air mo bheul!

Chuir sinn seachad an còrr dhen latha a' siubhal chun na crìche eadar na h-Innsean agus Pacastan, far am faca sinn is dòcha an rud is iongantaiche, neònaiche, annasaiche riamh, na mìltean dhaoine a' dannsa mar leth-chiallaich, a' seinn is a' dannsa agus na saighdeirean a' dèanamh caismeachd annasach agus a' stampadh an casan. Stialladh geataichean mòra dùinte, faireachdainn neònach do-chreidsinneach nach dì-chuimhnich mi gu bràth! An ath latha choisich sinn mun cuairt a' bhaile agus bha i mu 37 Celsius. Teas iongantach. B'fheudar dhuinn an uairsin cuir suas le dràibheadh luchd-caoich airson seachd uairean a thìde eile a' tilleadh chun na campa!

An ath mhaduinn - DiLuain, an t-seachdain mu dheireadh sna h-Innsean, choinnich sinn mar bhuidheann, chuir sinn air dòigh cò bha dèanamh dè, agus stiall sinn oirnn leis an obair; cha robh cus ùine air fhàgail ach bha gu leòr ri dhèanamh! DiCiadaoin chaidh sinn a-staigh dhan bhaile a' cheannach dèideagan, pàipear, pinn, chionns cha robh aon nì aca san sgoil. Chuir sinn a-staigh mu chòig notaichean an duine - fortan anns an airgiod acasan - agus is iomadh rud a fhuair sinn dhan chlann bheag àraid!

An oidhche sin as dèidh na dinneireach, fhuair mi suathadh cinn, se bha math, iongantach, abair lasachadh! ma gheibh min cothrom, se chòrdadh rium a-rithist!

Diardaoin, agus tha ceud cabhaig orm gus faighinn dhachaidh! Chaidh sinn a-staigh dhan sgoil a' choimhead na cloinne agus an aodainn, iongantach rim faicinn! Ach a nis bha an t-àm ann dèanamh air an trèan airson turus gràineil eile, 's mì nach eil ag iarraidh ann! Daolagan is rodain - nam bithinn-sa air fear fhaicinn bhithinn air leum far an trèan is coiseachd. Mhair an turus còig uairean deug - maill air an trèan, cò chreideadh e! Aig stèisean Delhi bha e uabhasach doirbh faighinn far an trèan - tha iadsan a'smaoineachadh gu bheil e èibhinn putadh air bòrd, cha do chòrd e rinne cho math, thòisich mi air fàs frionnasach, can dìreach gu robh gearain is putadh a' dol!

Bha mu ochd uairean a thìde againn ann an Delhi - cha robh sinn ach a'suidhe mun cuairt, agus mu dheich uairean feasgar bha sinn ann an tacsi a' deanamh air a' phort-adhair, air an t-slighe dhachaidh a dh'Alba! Abair faireachdainn!

Feumaidh mi ràdh, chòrd e rium mìorbhuileach math ach bha mi ag ionndrainn rud no dha, biadh ceart le feòl - agus an leannan Sarah cuideachd!

Ach se tachartas air leth a bh'ann agus thachair mi air daoine agus rinn mi rudan nach dì-chuimhnich mi na mo bheatha. Agus abair fealla-dhà le Deirdre, no DDG mar a th'agamsa oirre, tha mi gu math cinnteach gun cuir sinn brath gu chèile airson iomadh partaidh fhathast! Tha mi smaoineachadh gun dòcha gun do dh'ionnsaich Deirdre faclan ùra as dèidh an turus shònraichte seo!

 


Earrannann Bhideo

Cunntas air Neach-siubhail
DerekDeirdre

Cunntas air Criubha
AlistairNiall

Slighe

Gailearaidh Dheilbh