 |
|
Ainm: Deirdre Ghreumach
Aois: 23
Bho: An t-Eilean Sgitheanach
An robh thu riamh thall- thairis?
An Ruis - 2005; Estonia - 2005; An Nirribhidh - 2005; Denmark - 2005; A Ghearmailt - 1999, 2005, 2007; America - 2007; Canada - 2001, 2003, 2007 |

An latha mus do dh'fhalbh sinn dha na h-Innsean, chuir mi am feasgar seachad aig ionad bhùithean Braehead a'feuchainn ri aodach a' cheannach airson an turuis - bha mi ann suas gu deich uairean as t-oidhche! Laigse bheag sna sgilean deasachaidh...
Mu dheireadh thall fhuair mi na bha dhìth orm agus thill mi don flat is dùil agam fuireach air mo chois gus an tigeadh an tacsi gar n' iarraidh. Nochd Derek mu uair sa mhaduinn agus ghabh sinn lite - an greim bìdh mu dheireadh as aonais spìosraidh ann an suas gu trì seachdainean.
Ràinig sinn am port-adhair mu 3.30 sa mhaduinn, agus suarach cho beothail sa bha sinn. Saoilidh mi gu robh mi nam chadal air a' cheud phlèan mus do dh'èirich i on talamh.
Bha an ath phlèan eadar Amsterdam agus Delhi dìreach sgoinneil. Bha i cha mhòr falamh agus fhuair sinn cead sìneadh a mach air ceithir no còig a shuidheachain ann an sreath, agus chaidil mi cha mhòr fad an t-siubhail. Dhùisg mi mu uair an thìde mus tàinig i nuas agus bha an luchd-frithealaidh a' toirt dinnear seachad. Curraidh - a' cheud fhear dhen turus.
Ràinig sinn port-adhair Delhi mu aon uair deug air an uair acasan. Tha ath-leasachadh mòr a' dol air adhart aig a' phort-adhair, is dh'fhàg sin daoine a bha a' falbh agus feadhainn a bha a' tighinn a' gabhail tro na h-aon gheataichean, mar sin nuair a bha sinne a' tighinn far a' phlèan, theab nach deach ar stiùireadh air bòrd t-èile a mach as an dùthaich!
Se an teas a' cheud rud a dh'fhairich mi. Mun àm a fhuair sinn tron chuspainn agus a thog sinn ar bagaichean bha i faisg air meadhan oidhche agus bha i 25 ceum Celsius a-muigh.
Fhuair sinn tacsi bhon phort-adhair gu ar taigh-òsda agus shaoil leam gu robh sinn an uchd a' bhàis a h-uile còig mionaidean! Chanainn gu bheil iad a' dràibheadh air an aon taobh dhen rathad rinne, ach a dh'innse na fìrinn, tha iad a' dràibheadh far an togair iad! Mach sa staigh a measg nan carbadan, gun soluis tionndaidh, gabhail tarsainn dà sreath rathaid, seinn an dùdaich, bha e buileach gun chiall!
Chunnaic sinn mairt nan cadal am meadhan an rathaid agus daoine nan sìneadh air bocsaichean chairt-bhòrd gun greim còmhdaich orra. Bha e neònach ri fhaicinn ach saoilidh mi nach do ghabh sinn a-staigh ceart e chionns gu robh sinn cho sgìth.
Bha sinn dà latha ann an Delhi, a' coimhead Connaught Place, muinntir a' bhaile a' gabhail brath oirnn, gabhail timcheall anns na tuk-tuks agus ag ithe curraidh! Ach a bharrachd air a sin bha an t-uabhas sheallaidhean duilich ann, leithid pàisde beag na shìneadh lom rùisgte air an t-sràid ann an teas na grèine. Cha robh e a' gluasad agus fhad's a b'aithne dhuinne, dh'fhaodadh e bhi marbh. Chuir e uabhas orm nach tug duine ach sùil air san dol-seachad.
An dara feasgar a bha sinn ann an Delhi, bha mi dìreach air tilleadh gu mo rùm as dèidh na diathad nuair a chuala mi gnogadh air an dorus. Bha an dorsair an sin, ach chan ann riumsa a bha e a' bruidheann, ach a' sealltainn an rùm do chuidigin eile. Thàinig nighean eile a-staigh, agus dh'fhalbh an dorsair is e ag ràdh rithe 'seo an rùm agad'. Cha robh fhios agamsa dè chanainn, on nach robh san rùm ach an aon leapa dhùbailte! Chan eil e cur dragh sa bith air luchd-obrach an taigh-òsda, coigrich a' chur dhan aon leabaidh, gun tighinn air rùm a bha le cuidigin eile mu thràth! Gu fortanach bhuineadh i dhan bhuidheann leis am bitheamaid ag obair is bha i uabhasach laghach.
An ath latha choinnich sinn ris a' chòrr den bhuidheann agus dh'fhalbh sinn air an trèan, trì uairean an uaireadair gu Agra, far a bheil an Taj Mahal.
Choinnich sinn tràth an ath mhaduinn gus ar slighe dhèanamh chun na Taj anns na tuk-tuks bheaga. Cha chreideadh tu gu robh thu ann, tha beàrn cho mòr eadar a' bhaile agus an lùchairt.
Tha an Taj Mahal a' seasamh am broinn gàrradh àlainn le balla mu thimcheall, gàrradh a chaidh thogail an toiseach dha na clachairean a chuir suas an Taj, ach tha feachd nan Innsean a' fuireach ann an diugh.
Bha an Taj Mahal sònraichte brèagha ach chuir e seòrsa de dh' àmhghair orm nach leigeadh am fear-iùil leinn gabhail air ar socair. Chuir e ionghnadh orm cho beag sa tha an togalach na bhroinn - chan eil ann ach aona seòmar! Fhad's a bha sinne ann, bha iad a' glanadh cùl an togalaich, ga nighe le aol. Cha robh fhios agam dè chanainn ris an scafail a bh'aca. Cha robh bùird ann air an coisicheadh iad, cha robh acfhuinn-sàbhalaidh no clogaidean, agus bha an luchdobrach cas-rùisgte! Cha robh iad ach a' streap suas cho clis ri muncaidhean agus a' cumail greim bàis air na cabair fhad's a bha iad a' sìneadh a-null agus a' sgùradh an t-uisge aolach far a' bhalla! Bha m'anail nam uchd gan coimhead
Tha an Taj Mahal os cionn abhainn, agus mhothaich sinn do dhuine air an taobh thall agus fhaileas cho soilleir sa ghabhadh e san uisge. Dh'fhalbh Niall is thog e dealbh dheth ach cha do thuig e gus an do rinn e an dealbh nas motha gu robh an duine na chrùban is a bhriogais mu adhprain a' dèanamh a ghnothaich - agus chan e a dhileig! Sud sinne, ann an teampall sìtheil a' ghaoil, gar call fhèin a' lasganaich.
Rinn sinn na ceud agallamhan an latha sin, air taobh thall na h-aibhne, agus fhad's a bha Derek a' dèanamh an fheadhainn aigesan, thàinigh dithis bhalach a nuas gar coimhead agus càmhal aca - siad na camaras a bha gan tarruing. Thog iadsan na dealbhan againne - mas fhìor a' leum thairis air an Taj Mahal, ga thogail nar làmhan, agus m.s.a.a.
Nas anmoiche an oidhche sin fhèin, ghabh sinn an trèan-oidhche bho Agra, air ais tro Delhi gu Chakki Bank air slèibhtean ìosal na Himalaya. Bha a h-uile dùil againn ri deagh chadal air an trèan ach cha b'urrainn dhuinn bhi air a bhi na b'fhaide ceàrr. Bha an carbad làn le na ceudan de dhaolagan dubha. Bha boinnean fala air aodach-leapa Derek, agus bha balach dhèirceach a' coimhead nam aodainn feuch an robh mi fhathast nam chadal ach am faigheadh e na bagaichean againn a' ghoid. Theab sinn dhol dhinn fhìn...
Mu dheireadh thall ràinig sinn Sungral as dèidh trì uairean an uaireadair air bus a' snìomh tro na beanntan - chan fhaca mise leithid nan lùban casa riamh. Gu mì-fhortanach cha robh Derek a' faireachdainn uabhasach math agus b'fheudar dhuinn stad ach an cuireadh e mach aig planntachas teatha, agus stad a-rithisd son biadh agus na taighean-beaga aig Café cloiche na dà mhìle fichead. Nuairsin ràinig sinn ar campa.
Chuir iad fàilte oirnn le teatha chai agus choinnich sinn stiùrichean na campa, Deepak, Anju agus Nareesh. Dh' innis iad dhuinn an uairsin mun dealbh-chluich a bh'againn ri dhèanamh... smaoinich feuchainn ris an lasganaich a chumail a-staigh nuair a chuala sinn an sgriopt mun àrainneachd a bh'againn ri ionnsachadh air a chola-deug a bha romhainn agus a' chur air an àrd-ùrlar dhan sgoil Bheurla. Agus cò bha gu bhi cluich an tuathanach agus a' bhean? Sin dìreach e.
As dèidh sin sheall iad dhuinn an t-àite-còmhnaidh. As dèidh dhomh cluinntinn gu robh na balaich ann am blaith bothain gun dad ach toll am meadhan an làir airson toileat, bha mi uabhasach duilich air an son - ach fèin-riaraichte cuideachd. Stiùir mi an camara timcheall an rùm agamsa, a' sealltainn an toileat crùbaidh, am frasair cuinneig, an leapa fiodha - a h-uile goireas. Thuirt mi oidhche mhath ri na balaich, a' sìneadh dhaibh pàipear-toileat, toirds-cinn, coinneal agus maidsichean, is mi guidhe deagh fhortan dhaibh... Sa mhaduinn thuirt iad rium gu robh oidhche eagallach air a bhi aca, is gu robh bò air a ceann a' phutadh a-staigh dhan bhothag aca. Am feasgar sin chaidh sinn sìos a' choimhead bothag nam balach. Dèan dealbh dhem uabhas nuair a chunnaic mi gun e bh'ann ach LÙCHAIRT le colbhan marmor agus àilear àrd mun cuairt! 'S math a rinn iad, thug iad mo char asam agus chùm iad treis mhath a' dol e. Nach bu mhì an òinseach!
Bha sinn beagan lathaichean anns a' champa, a' dèanamh iòga sna maidnean, a' tadhal air ionadan latha, agus a' tòiseachdainn air an sgeadachadh aig Sornu, sgoil-àraich nach robh fada bhon champa againn. Chaidh an obair air adhart glè mhath san sgoil-àraich agus ann am beagan lathaichean bha sinn air an rùm a' ghlanadh, na ballaichean a dhèanamh còmhnard, an sglàibricheadh, am peantadh geal, agus tòiseachdainn air an sgeadachadh le litrichean aibidil, dathan cumaidhean, beathaichean, agus m.s.a.a.
Eadar na lathaichean obrach chaidh sinn air chuairtean gu grunnd àitichean. A' cheud seachdain, chaidh sinn gu baile ris an can iad MacLeod Ganj (as dèidh Riaghladair bho àm an Raj) ann an Dharamasala, a bha air a bhi na dhachaidh aig an Dalai Lama bho 1959, nuair a sgaoil fòirneart ann an Tibet nuair a ghabh na Sìnich thairis e.
Tha faireachdainn mìorbhuileach lasaichte aig a' bhaile agus ged a tha e làn luchdturuis, tha mòran a' tadhal ann a tha mothachail dhen chultar agus dhen eachdraidh.
Thòisich an latha glè mhath agus bha a h-uile duine sa bhuidheann ann an deagh thrum. Ach nas fhaide dhen latha chunnaic sinn na ceudan dhaoine a' sruthadh tro na sràidean le coinnlean, agus stad iad mu ar coinneamh, a' comharrachadh na faclan 'Saoraich Tibet' le na coinnlean. Bha e gu math tiamhaidh, a' toirt gu ar cuimhne dè dh'fhàg a' fuireach an sin iad, agus a rithisd, dè thug oirnne dhol dhan bhaile sa cheud àite. Bhruidhinn sinn ri feadhainn a bha a' trasgadh agus fhuair sinn a mach mu na h-ùrnuighean a bha iad a' cantainn gus an dòchas a' chumail beò.
Chuir sinn seachad a' cheud deireadh-sheachdain ann am baile Amritsar far an deach sinn a' choimhead Teampall an Òir, an teampall is uile-naomh ann an creideamh nan Sikh. Se droch latha a bh'ann agus suarach an trum anns an robh sinne, chionns gu robh an oidhche is miosa air a bhi againn le cion a' chadail. Bha an taigh-òsda san robh sinn a' fuireach dìreach sgreataidh. Cha robh dùnadh air na rùmannan againn ach glas-chrochaidh cho truagh is gum b'urrainn dhomh fhìn a bhristeadh le breab, bha ceann an fhrasair dìreach os cionn an toileat, cha robh annart air an leabaidh (cha d'fhuair sinn fiù's plaidichean gu uair sa mhaduinn), bha an làr cho sailche ris a' mhuic, bha daolagan ann, salachar rodain, gaoisdeinean fuilt (agus chan e falt cinn) agus mur a biodh sin gu leòr, chaidh mo bhìdeadh bho mo cheann gu mo chasan aig na creathlagan - agus bha an rùm againn os cionn loidhne rèile, is bha trèan a' gabhail seachad a h-uile cairteal na h0uarach fad na h-oidhche!
Co dhiù, bha an teampall àlainn ged nach robh sinn san t-sunnd a b'fheàrr agus bha e mìorbhuileach leithid de dhìlseachd do chreideamh fhaicinn - tha feadhainn a'dol ann grunnd thursan gach latha, agus tha na deicheamh mhìltean a' tighinn ga fhaicinn as gach ceàrn dhen t-saoghal. Sin cuideachd an latha a' chaill sinn ar brògan! Dh'fhalbh Alasdair feuch an lorgadh e càch fhad's a shuidh mise is Derek a-muigh san deàrrsach uisge ann am fìor dhroch thrum gun dòigh sa bith air greim fhaighinn air càch feuch am faigheamaid ar brògan air ais! Cha robh roghainn againn ach gàireachdraich no bhitheamaid air rànaich!
Nas fhaide dhen latha chaidh sinn gu deas-ghnàth dùnaidh na crìche eadar na h-Innsean agus Pacastan aig Wagah. Seo prìomh thachartas an turuis dhòmhsa. Saoilidh mi gun ann chionns gu robh roi-bheachd agam dhen Taj Mahal, gu robh e mar a bha mi ga shùileachadh - ach sin e. Ach chionns nach robh càil a dh'fhios agam dè bha romham aig an deas-ghàth dùnaidh, thug e dìreach an anail bhuam. Bha na ceudan dhaoine a' seinn is a' dannsa air gach taobh dhen chrìoch agus ged a tha connspaid eadar nan dùthchanan an-dràsta, bha e cha mhòr càirdeil - cha chanadh tu gu robh miann fòirneirt no faireachdainn connsachail sa bith foidhe.
Bha na fir-faire eireachdail agus abair gun do rinn iad dràma dheth, toirt slaic dùinte dha na geataichean agus nan ceud cabhaig feuch an ruigeadh iad na geataichean ro mhuinntir an taoibh eile, len caismeachd annasach! Bhithinn air fuireach ann fad na h-oidhche. Na mo bheachd-sa, seo àirde cultar nan Innsean.
Air aon dhe na lathaichean mu dheireadh a bh'againn sna Himalaya thadhal sinn air planntachas teatha. Suarach cho math sa chòrd e rium a' seasamh a' coimhead nam boireannach a tha gan cosnadh a' buain nan duilleagan teatha bho 8.30 sa mhaduinn gu còig uairean feasgar gun aca ach leth-uair airson an diathad. Bha e gu math duilich a' ghabhail a-staigh gu robh am pàigheadh làitheil nas lugha na tha pacaid bhagaichean teatha a' cosg dhuinne. Ach chòrd e rium taigh-gnìomhachais na teatha fhaicinn. Cha robh thu faireachdainn cho beag nàire gan coimhead. Bha e air leth inntinnach faighinn a mach mun dòigh-giollachd bhon àm a tha iad a' buain nan duilleag, tron tiormachadh agus an gearradh, gus am bì an teath deiseil. Ach is gann gun creidinn suidheachadh an luchdobrach. Cha robh sinne ann ach mu fhichead mionaid agus bha an stùr a'dol nar sròinean agus nar sùilean is nar n-amhaichean. Bha e annasach nach robh ach boireannaich a' buain nan duileag, agus fireannaich a' mhàin ag obair anns na taighean-gnìomhachais.
Bha mi tighinn chun na tuigse nach eil leithid de rud ri slàinte is sàbhailteachd anns na h-Innsean! Chunnaic sinn duine ann am brògan le bonn rubair agus toll air cnàmh tromhpa chun na stocain a' streap suas air an inneal bleith. Bha na duilleagan teatha a' tuiteam a nuas tro phìob bho mhullach an t-seòmair, thar a chinn agus tòrr dheth sìor air a dhruim, a-staigh dhan inneal bleith. Bha aigesan ri dhèanamh cinnteach gun rachadh na duilleagan air fad a-staigh dhan inneal gun aige ach a làmhan! Cha robh clogaid, miotag, brògan làidir, còmhdach-beòil no roi-chùram sa bith a chitheadh tu aig an taigh. Bha fear eile a' cur a làmhan lom a-staigh do dh'uidheam a bha colthach ri inneal-fogharaidh a' sìor dhol mun cuairt. Aig deireadh na cuairt cheannaich mi teatha gu leòr ach am biodh cothrom agam tòrr math teatha chai a' dhèanamh nuair a thillinn dhachaidh.
Faisg air deireadh ar lathaichean sa champa fhuair sinn clas ann a henna. Bha ceud cabhag ormsa seo ionnsachadh bho thoiseach an turuis, is abair gu robh mi air mo dhòigh nuair a fhuair sinn mu dheireadh thall an cothrom tatùs fhaighinn! Chaidh mo làmh suas sa bhad nuair a dh'fhoighnich iad cò bha son fheuchainn! Cha robh e coimhead ach grannda nuair a chaidh a chur air do chraicionn an toiseach - caran mar còmhdach-siùcrach air cèic - agus dh'fheumadh tu fhàgail uair a thìde no dha, ach an uairsin ghabhadh a rùsgadh dheth, a' fàgail pàtaran as a dhèidh. Se an ath rud a bha fa-near dhomh, suathadh cinn Innseanach fhaotainn. Sin fear dhe na nithean a b'fheàrr mun turus. Chan ann buileach air sgàth an t-suathaidh - ged a bha e glè mhath - ach gun d'fhuair Derek romham e agus bheireadh na fuaimean a bha tighinn bhuaithe agus na drèinean a bha e a' cur air, gàire air cat. Cha b'urrainn dha suidhe stòlda agus bha sinne ann an lùban aige - chan eil fhios'm an tèid aca air na pìosan film ud a chleachdadh leis na bha sinne a' dèanamh de ghàireachdraich.
Mus tàinig ar turus gu crìch, chaidh Sarah, Jenny, Ulrika, Kjell, Alasdair, mi-fhèin is Niall còmhla ri Deepak a thadhal air a ghuru iòga aige, nas fhaide shuas sna beanntan. Se tèarmann a tha san ionad, far am faod daoine fuireach fad seachdainean no mìosan ma thogras iad. Chuir an guru fàilte chridheil oirnn: bha e ri ràdh gu robh e còrr is mìle bliadhna a dh'aois agus nach robh dad ga chumail beò ach iòga agus beachd-smaoineachadh. Bha corra cheist orm fhìn... Cuir mar seo e, cha robh e colthach ri fear nach robh ag ithe greim. Bha e ri ràdh gu robh an guru aigesan, Baba Ji, a' fuireach am badaigin shuas anns na Himalaya agus gu robh e còrr is deich mìle bliadhna a dh'aois. Air an aon làimh, se àite mìorbhuileach a bhiodh anns an ionad do neach a bha a' sireadh fois is sìth, agus tha e ann an àite air leth àlainn. Agus se duine gu math còir a bh'anns a' ghuru (leig e leam cluich air a phiana aige, ach se sgeul eile tha sin!) ach bha rudaigin gam fhàgail mì-chofhurtail. Bha e mar gum biodh e sìor aisling air lùchairtean ùra agus tallaichean ùrnuigh, agus thigeadh daoine gan togail dha. Bharrachd air a sin, bha uaireadair ùr aige, prosbaig gleansach agus Range Rover. Cha robh dad ceàrr air aoigheachd ged tha - thug e dhuinn cupa chai! Ach as dèidh uair a thìde no dha de phongalachd bha mi gu sgiamhail "cuin a gheibh sinn a mach as a seo?" - is nach deach innse dhomh rithisd gun leughadh e do smuaintean. Cha chreid mi gun iarr e ormsa tilleadh.
Mu dheireadh thall chuir sinn crìoch air an sgoil-àraich. Chaidh againn air atharrachadh bho bhothag rapach gu ionad ionnsachaidh dhealrach tharruingeach ann an deich latha. As dèidh dhuinn dhol gu Palumpar latha na bu tràithe - sin am baile mòr is fhaisge air Sungral - far an do cheannaich sinn dèideagan, leabhraichean, tòimhseachain, soithichean plastaig, peansailean, cailc, traidhseaglan, dreallag agus tòrr a' bharrachd, lìon sinn an sgoil-àraich leotha. Thàinig a' chlann sa mhaduin, lem pàrantan, seanairean is seanamhairean, agus nàbaidhean eile, a' choimhead na rinn sinn. Bha sinn treis a' cluich leis a' chlann le balùnaichean agus builgeanan siabainn; sheall sinn dhaibh gèam bocadaich agus mar a chuireadh iad an dreallag gu dol. Tha na rudan sin cho sìmplidh agus sinne air a bhi eòlach orra cho fada ach sann a bha iad a' caoineadh nuair a dh'fheuch iad an dreallag an toiseach. Bha iad cianail diùid an toiseach ach cha b'fhada mus robh iad a' feuchainn na nithean a fhuair sinn dhaibh.
Bha ar cuairt gu bhi seachad - ach airson aon rud... bha latha an deilbh-chluich air tighinn oirnn. Rinn sinn air an sgoil Bheurla, còmhla ri triùir de chloinn a' bhaile a bhiodh a' tighinn a chluich ball-bholaidh no badmantan cuide rinn gach oidhche. Nam faiceadh sibh sinn air an àrd-ùrlar! Bha Derek a'stàrachd mun cuairt le ultach feòir, bha mise is ionghnadh orm ris an naidheachd a bh'aig mo 'chlann' dhomh ann a Hindi. Chan eil rian nach e am pàirt a b'fheàrr, Peadair agus Kjell, còmhdaichte ann am plaide a'leigeil orra gun e caoraich a bh'unnta, a'sìor aithris "Mèèè, sinne caoraich an tuathanaich, feumaidh sinne feur ri ithe!" Bha e furasda aithneachadh gum bu shuarach cho math sa dh'ionnsaich sinn e, is bha e buailteach dhol nar n-aghaidh air sgàth sin!
An oidhche sin phacaich sinn ar bagaichean agus dh'fhalbh sinn air an turus trì uairean an uaireadair gu stèisean rèile Chakki Bank, as dèidh slàn fhàgail aig Inga agus Jenny, a bha a' fuireach seachdain eile. Bha e neònach, dol air ais tro Palumpar, dol seachad ceann an rathaid gu ar sgoil-àraich, seachad air Café Cloiche na Dà Mhìle Fichead far an robh Derek cho meadhanach air an rathad suas. Cuimhnich, bha e cheart cho bochd an-dràsta - an creutair! Ach co dhiù an turus seo bha fhios againn dè bha romhainn, nach fhaigheamaid aon norra cadail air an trèan, gum biodh daolagan ann, gu robh e glè cholthach gum bitheamaid air deireadh - agus aon rud cinnteach, cha robh mise dol faisg air an toileat!
Bha ar fàidheadaireachd cho ceart sa ghabhadh - ach dìreach, gu robh rodain air an trèan cuideachd! Bha Peadair bochd a' cur air a bhrògan sa mhaduinn nuair a dh'fhairich e fear a' suathadh na chois. Bha sinn uile a' faireachdainn nach robh ach aon rud a dhìth oirnn, faighinn air falbh on trèan. Bha mi fhèin deiseil airson tilleadh dhachaidh (as dèidh ruith nam bùithean, tuigidh sibh). Chan e idir nach do chòrd an turus rium agus nach robh i luachmhor dhomh. Tha mi smaoineachadh gun e bh'ann, on a bha fios againn dè cho fada sa bhitheamaid ann, bha ar n-aire air a' cheann-uidhe sin. Nam bitheamaid air a bhi a' fuireach na b'fhaide, bhitheamaid ann an trum airson cumail a' dol.
|
|



 

 




|