Sear Gu Siar
 

Na h-Innsean
Craoladh: Dihaoine 03 Giblean, 9pm, BBC Alba
   
india map  

Ceann-uidhe a tha na bhuille iongantach do gach ciall, comas is eòlas: tha Derek MacIlleathain [21] agus Deirdre Ghreumach [23] eadar ionghnadh, tàladh agus uamhas nuair a thig iad aghaidh ri aghaidh ri cultar nan Innsean.

  Bha sinn a siubhal comhla ri:

Real Gap

Le bhi cuideachadh le pròiseact coimhearsnachd ann an stàit Himachal Pradesh a measg beanntan na Himalaya, tha an dà shiùbhlaiche a' faighinn eòlas air a chultar ann an dòigh a tha an dà chuid fìor, agus luachmhor dhaibh pfhèin. Tha am pròiseact ag amas air goireasan poblach a' leasachadh ann am baile beag air an tuath, agus aire a tharraing gu ceistean chudthromach shòisealta; tha iad a' cuideachadh gus sgoil-àraich bhochd a bh'air dhol bhuaithe le dìth shochairean, ùrachadh sa chàradh. Tha cothrom aca cuideachd feuchainn air clasaichean ann an cultar nan Innsean, leithid còcaireachd, iòga agus suathadh fèithean. Tha iad a' cuir eòlas air an dualchas le bhi cuir eòlas air muinntir an àite agus an cuid chloinne: tha an obair cruaidh, ach tha faireachdainnean ùra gan dùsgadh.

A bharrachd air an saothair ann a Himachal, tha Derek agus Deirdre a' gabhail cuairt gu Amritsar, am baile is naoimhe ann an creideamh nan Sikh, agus a' tadhal air Teampall iongantach an Òir. Tha iad cuideachd a' faicinn bòidhchead an Taj Mahal - agus èis is bochdainn timcheall nam ballaichean: dà thaobh nan Innsean. Fhuair iad cothrom dhol a' choimhead an deas-ghnàth dùnaidh crìche, àraid agus annasach, a tha a' tachairt a h-uile feasgar ann an Attari, a'comharrachadh gu bheilear a' glasadh an aona chrìoch rothaid eadar nan Innsean agus Pakistan airson na h-oidhche.

Le cuairtean fada air an trèan, a' maireachdainn latha is oidhche, fàs suas ri cultar - agus còcaireachd - cho eadar-dhealaichte, tha na siùbhlaichean ag ionnsachadh a' cheart uibhir mun deidhinn fhèin, sa tha iad mun dùthaich mhìorbhuileach seo.

 


Earrannann Bhideo

Cunntas air Neach-siubhail
DerekDeirdre

Cunntas air Criubha
AlistairNiall

Slighe

Gailearaidh Dheilbh