 |
|
Ainm: Diane Mhoireasdan
Aois: 21
Bho: Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais
An robh thu riamh thall- thairis?
Thadhal mi ann an New York airson clàr bho Stèisean-smàlaidh Steòrnabhaigh fhàgail aig làrach Ground Zero. |

Ràinig sinn Guatemala mu dheireadh thall as dèidh timcheall air dà fhichead uair a thìde air an turus! Dh'fhairich mi an teas mar bhuille cho luath sa thàinig mi far a' phlèan ann an Guatemala City, bha i cho teth. Nuair a ràinig sinn Antigua, baile beag taobh a muigh Guatemala City far am bitheamaid a' fuireach fad na colla-deug, ghabh sinn cuairt bheag timcheall. Se seann bhaile brèagha a th'ann, le mòran thoglaichean àlainn eachdraidheil.
Bha sinn gu bhi fuireach còmhla ri teaghlach ann an Antigua. Bha na pàrantan, Luis agus Veronica, agus an dà nighean bheag, Ana agus Stefanie, cianail laghach! Cha robh mòran Beurla aca ach bha na h-igheanan ga h-ionnsachadh anns an sgoil. Chan eil fhios'm an tug sinne mòran cuideachaidh dhaibh ach dh'fheuch sinn!
Bha sinn ann an Guatemala airson adhbhar sònraichte. Bha sinn gu bhi a' cuideachadh le pròiseact ris an canar 'Taighean gu Dachaidhean' agus bha sin a' ciallachadh gum bitheamaid a' cuideachadh gus taigh a thogail airson teaghlach fìor bhochd. Bha sinn ag obair air a' phròiseact seo fad seachdain, a' falbh le barachan-rotha làn chlachan, dol a dh'iarraidh uisge, togail bhreigichean agus a' measgachadh saimeant - obair gu math cruaidh! Bha sgioba as Aimeireagaidh agus dà oileanach eadar-dha-lionn a Lunnainn gar cuideachadh agus tron t-seachdain, chaidh an taigh suas mar a bhathar a' sùileachadh! Feumaidh mi ràdh gun e faireachdainn uabhasach math a bh'ann dìreach a' coimhead an taighe a' dol suas - cha do rinn mise obair chruaidh mar seo riamh na mo bheatha! Bha dithis ann de mhuinntir an àite - Juan is Edgar - a rinn a' chuid is motha den obair. Bha iad gasda! Ged nach robh cus Beurla acasan agus nach robh aon fhacal Spàintis againne, chluinneamaid iad a' seinn sa lasganaich gun sgur! Bha e gu math doirbh an tuigsinn aig amannan, gu h-àraid nuair a bha iad a' feuchainn ri innse dhuinn cia mheud poca saimeant a bha dhìth, ach rinn sinn an gnothaich!
Aig deireadh na seachdain, nuair a bha an taigh ullamh agus air a' pheantadh (buidhe air an taobh a-staigh agus gorm air an taobh a-muigh) thug sinn na h-iuchraichean dhan teaghlach. Bha an teaghlach, na pàrantan agus triùir nigheanan beaga àlainn, air a bhi mun cuairt fad na seachdain is mar sin chunnaic iad an taigh a' dol suas mun coinneamh. Cha chreid mi gum faca mi duine beò riamh cho toilichte riuthasan nuair a fhuair iad dhan dachaidh ùr mu dheireadh thall. Ged nach robh ach aon rùm ann, bha e fada fichead nas fheàrr na am bothan a bh'aca roimhe. Thug Miguel, an athair, litir dhuinn uile a' toirt taing dhuinn airson an obair a rinn sinn agus an cuideachadh a thug sinn dhaibh. Tha mi smaoineachadh gun e sin an rud is fheàrr dhen turus gu lèir - a' sealltainn gun do rinn sinn rud math do chuidigin eile agus gun do chuidich sinn daoine aig nach robh nì. Bha an teaghlach air am maslachadh nach robh an t-airgiod aca a leigeadh leotha dad a thoirt dhuinn mar thaing, ach bha an litir fhèin gu leòr agus am pailteas!
Ged a chuir sinn seachad a' mhòr-chuid den ùine ann an Guatemala ag obair, fhuair sinn an cothrom beagan siubhail a' dhèanamh mun cuairt na dùthcha. Aon latha, chaidh sinn a Antigua gu àite ris an can iad Quirigua far am faca sinn seann tobhtaichean le na Maya, aon dhe na treubhan a bh'ann an Guatemala o chionn còrr is dà mhìle bliadhna. Chaidh sinn gu Rio Dulce far an d'fhuair sinn an cothrom cuairt a' ghabhail air bàta. Fhuair Michelle fiù's cead a' bhàta a' stiùireadh! Chaidh sinn a' choimhead 'El Castillo de San Felipe', sean chaisteal far am biodh saighdeirean a' cumail faire airson spuinneadairean anns an 17mh linn.
Chaidh sinn cuideachd gu Pàirc Nàiseanta Tikal a tha mu thrì uairean an uaireadair air falbh bho Antigua. Tha am Pàirc làn de sheann teampuill agus dhìrich sinn gu mullach tè dhiù. Bha i cho àrd is gun do ghabh mi eagal nach faighinn gu siorruidh a nuas! Aon latha, chaidh sinn a' choimhead a' mhargaid is motha ann an Guatemala. Àite ris an canar Chichicastenango a bha a' reic a h-uile càil air an smaoinicheadh tu - aodach, biadh, beathaichean. A h-uile seòrsa dath is fàileadh. Chaidh sinn cuideachd gu planntachas chofaidh. Tha gnìomhachas a' chofaidh gu math mòr ann an Guatemala, agus ged nach toil leam idir e, bha e gu math inntinneach faicinn mar a tha iad ga àiteach is eile.
Saoilidh mi gun e an rud is fheàrr agus an rud is duilghe a rinn sinn, dìreadh gu mullach beinn-theine. Tha a' bheinn-theine Pacaya fhathast beò agus fhad's a bha sinn ga dìreadh, chitheamaid ceò ag èirigh as a' mhullach. Bha e gad fhàgail gu math gealtach a' smaoineachadh gum faodadh i spreadhadh uair sa bith! Thug am fear-iùil Juan agus a chù Ella suas sinn cho fad sa dh'fhaodamaid a' dhol. Bha sinn a' coiseachd air làbha chruaidh ach bha e fhathast gu math teth - bha mi clisgeadh gun leaghadh mo bhrògan! Chunnaic sinn cuideachd làbha theth! Bha e fhathast a'sruthadh sìos cliatha na beinne agus bha sinne gu math gu math faisg air! Nach cuireadh sin gaoir nad fheòl!
Aig deireadh ar turus ann an Guatemala, bha e doirbh a' chreidsinn gun d'fhuair sinn an cothrom gach nì a rinn sinn a' dhèanamh. Cha do smaoinich mise riamh gum bithinn air beinn-theine a dhìreadh no taigh a thogail ach tha mi glè thaingeil gun d'fhuair mi an cothrom na nithean sin a' dhèanamh ann an Guatemala. Tha mi smaoineachadh gum biodh e math tilleadh uairigin a thadhal air an teaghlach agus an taigh a thog sinn. Bu mhiann leam tilleadh ann am bliadhna no mar sin - chì sinn!
|
|



 

 




|