Sear Gu Siar
 

Guatemala
Craoladh: Dihaoine 27 Màrt, 9pm, BBC Alba
   
guatemala map  

Ag obair ann an sgìre cho truagh sa th'ann an Guatemala, tha Diane Mhoireasdan [21] agus Michelle Mhoireasdan [20] a' cuideachadh le pròiseact a tha ag atharrachadh beatha dhaoine gu tur: a' togail dhachaighean agus a' toirt slàinte agus foghlam gu na teaghlaichean is truaighe dheth.

  Bha sinn a siubhal comhla ri:

Real Gap

Ann an sgioba de shianar ag obair gu saor-thoileach, tha Michelle is Diane an dòchas taigh a thogail do theaghlach bhochd a Guatemala ann an sia latha. Tha an sgioba a' leagail seann bhothan agus a' cuir suas na àite, dachaidh le blocaichean saimeant tha dusan troigh a leud agus naoi troighean deug a dh'fhaid, le ùrlàr cruaidh, mullach de dh'íarann preasach agus lòsan ann, dorus miotailt le glas agus uinneag le glainne innte. Thathar an uairsin ga pheantadh anns an dath a roghnaich an teaghlach. Bì taigh air meudachd garaids na dhachaigh do theaghlach anns a bheil sianar no seachdnar.

Chan eil an luchdobrach òga saor-thoileach fada a' tuigsinn gum bì fìor dheagh bhuaidh aig an obair seo air na teaghlaichean agus na coimhearsnachdan far a bheil iad ag obair. 'Se obair chruaidh a th'anns a' chlachaireachd agus tha an àrainneachd fhèin na dhuilgheadas, teth agus bruthainneach. Aon uair is gu bheil an taigh ullamh, tha bòrd ga chur suas le ainm an teaghlaich, agus ainmean nan daoine a chuidich ga chur suas. Nuair a tha an teaghlach a' gluasad na th'aca de stòras dhan dachaigh ùr tha luach na saothrach follaiseach agus a' ruigheachd gach cridhe.

Ach chan e obair gun sgur tha mu choinneamh an òigridh idir, agus tha cuairt gu làraich leithid tobhtaichean nam Maya ann an Quiriga agus Tikal, agus a' tadhal air Lake Atitlan agus Chichicastenango, a' toirt dhaibh sealladh sònraichte thar seann eachdraidh agus cultar Guatemala. 'Se latha mòr a bh'ann nuair a thàinig orra streap le spàirn suas cliathaich beinn-theine bheò, far an robh na sruthan teth làbha nas fhaisge na bha buileach comhfhurtal.

 


Earrannann Bhideo

Cunnts air Neach-siubhail
DianeMichelle

Cunntas air Criubha
Margaret MaryNiall

Slighe

Gailearaidh Dheilbh