 |
|
Ainm: Seòras Caimbeul
Aois: 23
Bho: Am Ploc/Glaschu
An robh thu riamh thall- thairis?
An Eadailt, A’ Ghearmailt, An Fhraing, na Stàitean Aonaichte. |

A' toirt sùil air ais air an turas agam, chanainn gum bi cuimhne agam air gu bràth, na rudan a chunnaic mi, na daoine a choinnich mi agus na rudan a rinn mi eadar an da sheachdain. Ged a bha e gu math fhèin fuar ann an Sìna, tha mi a' smaoineachadh gur e am pàirt a b'fheàrr a bh'agam fhin nuair a bha sinn na ur suidhe an tac an teine ann am Butterfly Valley, neo a' faighinn leasanan 'tai-chi' bhon bhodach iongantach! Cuideachd, cha b'urrainn dhomh gun a bhith a' cuimhneachadh air nuair a chaidh sinn sìos an abhainn gu Eilean Cat Ba ann am Bhiatnam, neo a-dol suas gu mullach am 'Peak Tower' ann an Hong Kong aig deireadh an turas. Dh'fhalbhainn air ais gu na h-àitichean far an robh sinn ann am priobadh na sùla, agus tha mi eagallach taingeil gun d'fhuair mi an cothrom a dhol ann!!
|
|



 

 




|