Sear Gu Siar
 

Anne  

Ainm: Niall Preston

Dreuchd: Camara / Fuaim

Leabhar-latha Niall

Hanoi gu Hong Kong

Seo a' chiad fhear dhe na ceithir tursan a bhithinn a' filmeadh do MnE. Chan e ceist aotrom a bh'ann, am bithinn deònach - smaoinich mi mu dheidhinn airson co dhiù trì diogan nuair a chaidh fhoighneachd dhomh. Bha fhios agam gum biodh e doirbh - ach bha ceud cabhag orm faighinn thuige!

As dèidh cola-deug a chur seachad a' coimhead air liosta fhada dhen uidheam a dh' fheumainn, bha agam ris a h-uile càil a' stobhaigeadh ann an tri pocannan-droma: dà chamara, sìoltachair soluis, innealan fuaim, trì-chasain, sgrion, bataraidhean agus barrachd teipichean film na chosgadh tu gu bràth - ach bha sinn gu bhi cianail fada bhon dachaidh agus bho àite far am biodh e furasta cupa tì fhèin iarraidh, gun tighinn air coiseachd a-staigh a' bhùth a ràdh, "Yeah, hi, tha mi lorg teipichean SONY DVM63HD ... an fheadhainn a mhaireas uair an uaireadair, bheil gin agaibh?"

As dèidh seachdain a' pacaigeadh, a' falamhachadh, a' pacaigeadh a-rithist, bha rudaigin againn a bha coltach ri acfhuinn filmidh a ghabhadh dèiligeadh leis, agus rinn sinn air a' phort-adhair airson an turus fhada gu Hanoi tro Dubai agus Bangkok.

Bha sinn mu dhà latha air an t-slighe mus do ràinig sinn Bhiatnam. Thug sin tìde dhomh eòlas a' chur air a' chòrr dhen sgioba - cha do thachair mise air Anna no Seòras riamh roimhe, agus cha chreid mi gu robh aig MM thuige seo ach aona bheachd ormsa, fear gun nì air aire ach pacaigeadh agus ath-phacaigeadh phocannan-droma. Fhuair sinn uile air adhart air leth math còmhla agus bha fhios agam gun còrdadh an turas rium.

Cha robh mi buileach saoirsneil a' coiseachd suas gu fear cuspainn Bhiatnam. Cho math is as aithne dhòmhsa, chan eil e uair sa bith furasta nuair a tha thu a' siubhal le tòrr uidheam camara. Tha an t-uamhas cheistean ann an còmhnaidh. Chaidh mi suas chun an deasc agus thug mi dha mo chairt-siubhail. Thug e mu mhionaid a' coimhead air an duilleig chùil mus do dh'fhoighnich e co às a bha mi. "Alba", arsa mise. "Ah"... ars' esan, "Chan fhaigh sibh troimhe." "Fhalbh!" arsa mise rium fhìn is e a' sineadh na cairte air ais thugam. Bha min dùil gu robh rudaigin ceàrr air mo visa, no nach robh an camara a bha slaoidte bho mo ghualainn a' còrdadh riutha. "Tha mi duilich?" arsa mi fhèin. "Sibhse, chan eil troimhe, chan fhaigh ... Alba, Euro Cup!" Cha robh fhios agam dè chanainn - sann a bha am fear eile a' tarraing asam chionns nach d'fhuair Alba air adhart gu Euro 2008! As dèidh dha na trì fhaclan mu dheidhinn Celtic, Rangers agus an SPL, cha robh mi faireachdainn cho fada bho thìr m'eòlais.

Cha robh sgeul air mo bhaga fhèin aig port-adhair Hanoi, agus mar sin sè a' chiad rud a bh'agamsa ri dhèanamh, aodach a lorg a dhèanadh an gnothaich airson cola-deug gu math fuar ann an Sìna. Saoilidh mi gum biodh e air còrdadh ri MM mur a lorgainn dad ach aodach traidiseanta a beanntan Bhiatnam, agus ad Non La, ach gu fortanach lorg mi bùth le aodach 'siarach' ga reic.

An oidhche sin, thachair sinn air a' chòrr den bhuidheann a bha gu bhi a' siubhal còmhla rinn. Bha iad uile furasta faighinn air adhart leotha agus cha robh an camara a' cur dragh sa bith orra. Dh'fheumainn bhi faiceallach nach bithinn a' sparradh a-steach orra, is chùm mi ceum ris a' chùl. Deagh chothrom a bh'ann faicinn ciamar a bha Anna is Seòras a' faighinn air adhart le càch.

Bha an turus bus gu Bàgh Halong do-chreidsinneach. Seo a' chiad sealladh a bh'againn de rothaidean Bhiatnam. Chitheadh tu còignear air muin aona mhoped bheag bhrònach, agus feadhainn a' falbh air baidhseaglan le craobhan cho fada ri busaichean ceangailte riutha. Bha dùdaich arda bhiorach a'seinn agus cearcan a' gràcail is iad a' feuchainn ri teiche a basgaidean ceangailte ri baidhseaglan. An t-àm is trainge air rothaidean earthuath Bhiatnam - gun choltas air gun tigeadh fois gu sìorruidh! Fiù's nuair a fhuair sinne air falbh bho na bailtean mòra, bha monmhar fuaim a' snìomh tron dùthaich.

Ràinig sinn Bai Chay gu sàbhailte, agus mean air mhean bha mi fàs cleachdte ris an ùidh a bh'aig muinntir an àite anns a'chamara. Chaidh sinn air bòrd bàta, a bheireadh timcheall Bàgh Halong sinn agus gu eilean Cat Ba an ath latha. Math 's ged a bha e, faighinn far druim an rothaid mhòir, bha an cala a' cheart cho troimh-a-chèile. Nuair a bha sinn a' seòladh a-mach, chuala mi gleadhraich is fuaim glainne ga bristeadh agus bha grunnd fhirionnach fhiadhaich fheargach ann an èideadh sheòladairean ri fhaicinn, a' bocadaich mun cuairt air bàta eile agus a' sgalartaich ri chèile. Is math nach robh gnothach aige rinne. Ann an tiotan bha sinne a-measg a' chabhlach eathraichean a bha gluasad a-mach mun cuairt Bàgh Halong.

Cha ghabhadh sealladh na tìre ann a sheo a shamhlachadh ri dad a chunnaic mi riamh roimhe. Bha na h-eileanan ag èirigh gu h-obann as an uisge tro sgàilean ceothaidh a bha a' còmhdach a h-uile càil: bha am bàgh gu lèir na àite de bhòidhchead is de dhìomhaireachd. Chan fhàsainn gu bràth searbh dhe bhi togail dhealbhan dheth.

Bha an traingead an seo tur eadar-dhealaichte. Sheòl sinn a-staigh do bhàgh farsaing tro chaolas chumhang eadar dà eilean agus dh'fhosgail coimhearsnachd mur coinneamh. Bha teaghlaichean a' còmhnaidh air ràthaichean mòra ceangailte ri creagan. Bha na fir a-muigh ag iasgach agus bha na mnathan agus a' chlann nan deann bho aona bhàta luchd-turuis chun na h-ath tè ann an geòlachan beaga fiodha a' reic a h-uile nì air an smaoinicheadh tu bho paipear toileat gu spògan circe! Deagh mheasgachadh na mo bheachd-sa!

Tha e soilleir gu bheil eilean Cat Ba a measg na h-àitichean is malairtiche ann am Bàgh Halong. Bha taigh-òsda chofhurtail agus taighean-seinnse ann an raon turusachd baile Cat Ba. Chan eil rian nach eil an t-àite gu math trang ann am mìosan blàth an t-samhraidh, ach bha e gu math fuar sàmhach ann a sheo san Fhaoilleach. Bha mi nis a' teannadh ri miannachadh gu robh m'aodach fhèin agam! Fhuair sinn an cothrom dhol air feadh an eilein thar latha no dha, is thadhal sinn air bailtean beaga le daoine gasda, càirdeil. Bha sinn am broinn uamh, a bha na ospadal aig àm cogadh Bhiatnam, agus bha e dìreach mìorbhuileach. Bha roinn X-rè ann, seòmraichean lannsa agus fiù's amar-snàmh. Falaichte air cùl chraobhan is phreasan, chan aithnmicheadh tu gu bràth gu robh leithid de dh'àite ann. Gu mì-fhortanach cha ghabhadh cus filmeadh a dhèanamh am broinn na h-uamha chionns gu robh i cho tais: airson a' chiad uair, soluis-rabhaidh air a' chamara agus sgleò air an lionsa.

Thachair rud mìorbhuileach an dearbh latha sin nuair a fhuair mi brath air a fòn na mo rùm agus chaidh iarraidh orm dhol chun an deasc-fàilteachaidh. Bha fear na sheasamh taobh a-staigh an doruis aghaidh agus e ag eubhach "Mgr Niall!... Mgr. Niall!" Theab nach creidinn e - dè bh'aige ach mo phoca-droma fhèin a bha air chall! Chaidh a chur as mo dhèidh air baidhseagal, bàta agus moped a Hanoi! Sgoinneil!

Agus nochd mo bhaga ann an deagh àm: se an ath àite air an do thadhal sinn, as dèidh eilean Cat Ba agus Bàgh Halong, baile Lang Son. Baile gu math beag, mu leth-mhìle on chrìoch eadar Bhiatnam agus Sìna. Bha sinn air siubhal fada gu leòr gu tuath is gu robh i gu math nas fhuaire. Bha an taigh-òsda againn ann an Lang Son a' coimhead eireachdail on taobh a-muigh, ach nuair a chaidh sinn a-staigh, nach robh i nas fhuaire buileach! Cha robh dad a b'urrainn dhuinn a' dhèanamh airson ar blàthchadh. Cha robh frasairean teth aca, gun tighinn air amar! Ghabh mi an cothrom ged tha na bataraidhean a' neartachadh agus gach uidheam fhaighinn deiseil airson an turas a-staigh do Shìna an ath latha. Bha làn fhios agam ma bha duine dol a' sgrùdadh an uidheam againn, gun ann aig crìoch Shìna. Bha fhios agam cuideachd gu robh geamhradh gu math fuar san amharc ann an Sìna, agus a h-uile coltas gum biodh an dealain dheth aig amannan, is mar sin bhiodh e ciallach na bataraidhean a' neartachadh air fad: is dòch' gum biodh greis mus biodh cumhachd againn a-rithist.

An oidhche sin chaidh sinn a-mach gu biadh - togalach eile, gun greim blàiths, mar reothadair na bhroinn! Air ar còmhdach anns a h-uile stiall aodaich geamhraidh, chrùb sinn gu dlùth còmhla a dh'ithe dinneir a bha sònraichte blasda! Sin rud cho annasach sa thachair air an turas thuige seo. Annasach, gus an do chuir sinn eòlas air an karaoke - ealan air a bheil na Bhiatnamaich gu math measail - ann an seòmar prìbheideach airson dusan neach os cionn an seòmar bìdh. Chan eil rian nach bithinn air dì-chuimhneachadh mun fhuachd mur a b'è gu robh mi cho mothachail gu robh mi air mo thughadh le aodach còig-fillte agus miotagan.

An ath latha, tarsuinn na crìche gu Sìna. As dèidh beagan amaideis agus beagan còmhstri le oifigeil bho riaghaltas Bhiatnam a bha na àmhghair dhuinn fad an t-siubhail, choisich sinn tarsainn na crìche, a-staigh gu Sìna. Tha an dà thaobh tur eadar-dhealaichte: taobh Bhiatnam gu math lom agus rudaigin bochd, taobh Shìna a' sealltainn beairteas agus leòmachd, le ìomhaighean mòra agus bogha mòr cloiche a'cur fàilte ort ... bha sinn ann an Sìna. Cha robh e dona idir aig a'chrìoch. Bha beagan duilgheadas ann mun carnet againn chionns nach robh càil a dh'fhios aig an oifigeil dè bu chòir dha a' dhèanamh leis, ach mu dheireadh thall bha e riaraichte agus leig e troimhe sinn.

Bha mo chiad shealladh de Shìna tur eadar-dhealaichte bho chabhag is thraingead Bhiatnam. Nuair a stad sinn a' chiad turas, ann an àite ris an canadh iad Gleann nan Dealan-dè, thuig mi gun e saoghal eile a bh'ann an Sìna. Bha a h-uile càil cho socair sàmhach an seo a-muigh air an tuath. Bha sinn a' fuireach ann am bothain bheaga le dà leabaidh annta, air trosdanan, agus lainntirean beaga nam broinn. On a bha i air fàs nas fhuaire a-rithist, bha sin glè thaingeil teine fhaicinn a-muigh, a' chiad oidhche ann an Sìna.
A' cumail romhainn, bha sinn a' cluinntinn gu robh dùil aig Sìna ris a' gheamhradh a b'fhuaire a bh'aca ann an lethcheud bliadhna. Dh'fhàg sin an ùine a chuir sinn seachad ann an Liuzhou nas fheàrr buileach. B'è Liuzhou a' chiad baile mòr a chunnaic sinn ann an treis, agus thug oidhche ann an taigh-òsda dhòigheil bhlàth dhòmhsa an cothrom sealltainn ri uidheam a' chamara air fad agus mo bhataraidhean uileag a' neartachadh [duilich a' Sheòrais nach do leig mi leat an iPod a' bheothachadh!]

An ath latha, dh'fhàg sinn Liuzhou, a' dèanamh air Chengyang - spàirn sgriosail gus faighinn am broinn tacsi agus stèisean nam busaichean a' ruigheachd slàn. Bha sinn beagan uairean a thìde air a bhus, ach stad e uair no dha far an robh toileat. Gu dearbh cha b'iad na toileatan a bu ghlaine air an t-saoghal - thug mi aon sùil orra agus bha sin gu leòr, bha e na b'fheàrr feitheamh gus an ruigeamaid Chengyang. Bha sinn a' fuireach ann an togalach mòr fiodha a chaidh a chur suas o chionn ghoirid: an taigh-aoigheachd aig Mgr. Wu agus a' bhean. Aon uair is gun d'fhuair sinn beagan de dh'eadhar bhlàth a mach as an inneal air a' bhalla, bha e cofhurtal gu leòr.

Choisich sinn timcheall baile nan Dong, air taobh thall na h-aibhne on taigh san robh sinn a' fuireach. Tha muinntir coimhearsnachd nan Dong ainmeil airson na drochaidean "gaoth is uisge" eadar nam bailtean aca. Bha ailteireachd nan drochaidean agus mòran dhe na toglaichean eile dìreach iongantach. Dh'fhàs an aimsir nas miosa agus as dèidh oidhche eile a' cadal le aodach seachd-fillte oirnn, chaidh innse dhuinn nach fhaigheamaid air falbh idir, leis cho dona sa bha na rothaidean. Bha an sneachda gar glasadh a-staigh... sìn a-nall thugamsa am botul fìon rus!

Chùm an droch aimsir ann an Chengyang sinn, gun dealain, fad trì latha - nas fhaide na bha fa-near dhuinn. Eadar sin agus cho dona sa bha na rothaidean le deigh, cha d'fhuair sinn gu raointean rus Longji; bha sin glè dhuilich, bhon a tha e ri ràdh gu bheil iad dìreach iongantach.

Ach dh'fhàg sin latha a bharrachd againn ann an Yangshuo. Baile a tha a' cosnadh a turusachd gu ìre, le mòran dhaoine bho na dùthchanan an iar ag obair ann. Eadar taigh-òsda blàth, agus frasairean blàth, thòisich an aiteamh, agus fhuair sinn an cothrom an t-aodach a bh'oirnn o chionn lathaichean a chur dhinn [bha i ro fhuar troight a' chur dhiot thuige sin, mo mhionnan!]. Ghabh Seòras agus Anna pàirt ann an leasan tai chi, rud a bha cianail èibhinn ri choimhead nuair a thòisich iad, ach tha mi smaoineachadh gu robh iad a' tighinn thuige mus robh iad ullamh.

An ath latha, ghabh sinn cuairt timcheall margaid a' bhaile... dh'fheumadh tu bhi caran cruaidh-chridheach! Bha a h-uile seòrsa beathach ri fhaicinn ann, agus mur a robh iad marbh fhathast, chan fhada gus am bitheadh. Saoilidh mi gum b'fheàrr le Anna bhi air cumail air falbh bhuaithe. Gu dearbh chan e an curseachad a bu thlachdmhora a bh'ann - gu h-àraid is leasan còcaireachd gu bhi againn feasgar!

Bha ar n-ùine ann an Sìna air ruith agus rinn sinn air Hong Kong, far an robh sinn a' cur crìoch air ar turus agus a' gabhail plèan dhachaigh. Sè àite mìorbhuileach a th'ann an Hong Kong, gu dearbh cha robh bristeadh dùil an seo. Cha robh againn ach aon oidhche ann, agus bha sinn a' tilleadh dhachaigh air an ath fheasgar, is mar sin dh'fheumamaid an ùine ghoirid a' chur gu deagh fheum. Chan eil dòigh cho math air a' bhaile fhaicinn ach an trèan a ghabhail suas Victoria Peak. Bha na seallaidhean as a sin dìreach sònraichte. Chì thu am baile gu lèir, a chumadh iongantach mar dhealbh air a tharraing air an iarmailt.

Seo da-rìreabh an dearbh àite airson meòmhrachadh air turus mhìorbhuileach.

 

 

 

 


Earrannann Bhideo

Cunntas air neach-siubhail
AnneSeoras

Cunntas air criubha
Mhairead MhàiriNiall


Gailearaidh Dheilbh