 |
|
Ainm: Mairead Màiri NicChoinnich
Dreuchd: Riochdaire / Stiùiriche |

Hanoi gu Hong Kong
Hanoi, Bhiatnam
Chòrd: Na seallaidhean
Cha do chòrd: Dùdaich nan càraichean
Mu dheireadh thall, as dèidh dà latha air a' phlèan, ràinig sinn Bhiatnam. Bha mise a'siubhal còmhla ri Anna, Seòras, agus Niall, fear a' chamara. Dh' fhàs sinn eòlach air a' chèile air an t-slighe - bha sinn oidhche ann an Dubair agus oidhch' eile ann am Bangkok. Tha iad uile glè laghach agus chan' eil teagamh sa bith ann nach còrd an turus còmhla rinn. Ach bì sinn cuideachd a' siubhal mar phàirt de bhuidheann nas motha, agus coinnichidh sinn ri càch ann a Hanoi. Bì dusan againn còmhla fad chola-deug, air turus tro Bhiatnam, Sìna agus air adhart gu Hong Kong.
'Sann as Astràilia a tha a' mhòr-chuid den bhuidheann agus tha dithis as an t-Suain. Chòrd iad uile rinn sa bhad. Si Aimeireaganach a th' ann an tè-iùil ar turuis, Erin, agus tha i cuideachail agus spòrsail. Tha mi a' faireachdainn sa bhad gum faod earbsa bhi agam innte gus coimhead as ar dèidh air fad - is math sin! Tha Anna is Seòras a' faighinn eòlas air càch sa bhad. Ged a bha sinn air innse don chòrr den bhuidheann gu robh dùil agam bhi filmeadh mus fhalbhamaid air an turus, bha mi fhathast rud beag draghail gum biodh iad a' faireachdainn mì-chortail aon uair is gum biodh an camara nar measg. Gu fortanach, cha chreid mi gu bheil e a' cur dragh sa bith orra, agus chuir iad fàilte chridheil oirnn. Tha mi toilichte gu bheil sinn a' faireachdainn mar gum buineamaid don bhuidheann nas motha. Bha eagal air a bhi orm gum bitheamaid a' faireachdainn caran air an oir, ach chan eil e mar sin idir.
Tha mòran ri fhaicinn ann a Hanoi. Agus gu leòr a' toirt slaic air a' chluais! Cha chuala mi riamh na mo bheatha uibhir de dhùdaich chàraichean a' sèideadh. Tha e colthach nach eil muinntir Bhiatnam a' cleachdadh soluis-tionndaidh. 'Sann a tha iad a' seinn na dùdaich gus thoirt gu sire dhràibheirean eile gu bheil iad ann, uair sa bith tha dùil aca tionndadh no gluasad gu sreath eile den rathad. As dèidh uair no dha dheth tha an srann na mo chluasan fhathast. A dh' aindeoin sin, is fìor thoil leam Hanoi. Chan eil mòran nach urrainn dhut a cheannach an seo agus abair gu bheil muinntir an àite inntinneach!
Tha sinn greis dhen ùine ann a Hanoi a' feuchainn ri aodach ùr a' cheannach do Niall. Chaill 'Air Asia' a bhaga am badaigin eadar Bangkok agus Bhiatnam agus chan eil stiall aige ach na tha mu chroit, agus camara. Chan eil seo math idir, chionn bi Sìna gu math fuar san Fhaoilleach! Bha mi a' gabhail eagal nach biodh roghainn aige ach aodach traidiseanta Bhiatnamach a' cheannach, ach chaidh againn air bùth a bha reic aodach a dh' aithnicheamaid a' lorg... ged tha mi smaoineachadh gu robh nòisean aige de 'Non la' - ad traidiseanta cònach Bhiatnamach!
Tha mi den bheachd mu thràth nach bi cus cothrom aig daoine cumail aca fhèin air an turus seo. B'fheudar dhomh an oidhche chur seachad ann an rùm còmhla ri Niall is Seòras (rinn an taigh-òsda mearachd - se ainm fireannaich a th'ann an 'Anna' ann a Bhiatnam). Feumaidh mi aideachadh gu robh e rud beag annasach bhi cadal san aon rùm ri na balaich - chan eil ach dà latha bhon a thachair sinn air a chèile! Chaidil Anna ann an rùm le dà nighean Astràilianach. Tha ise air caraidean a' lorg mu thràth!
An ath mhaduinn is sinn a' faighinn deiseil airson Hanoi fhàgail, tha oifigear naidheachd bhon riaghaltas, Minh, a' nochdadh aig an taigh-òsda. Chan fhaod thu film a thogail do rud sa bith ann a Bhiatnam gun oifigeil a' cumail sùil ort. Feumaidh sinn ochd ceud dolair ($800) a' phàigheadh do Minh airson a bhi na chuideachd fhad's a tha sinn san dùthaich. Ach chan e sin a tha fa-near dha. Chan eil dùil aige tighinn còmh' rinn idir. Bha mi toilichte gu leòr sin a' chluinntinn. Cha robh mi builleach cho toilichte nuair a bha an dearg bhathais aige an $800 iarraidh co dhiù! Chuir mi romham nach pàighinn idir e, ach bha min amharas gum bithinn ga fhaicinn am badaigin fhathast....
Bàgh Halong
Chòrd: Na h-uamhan iongantach
Cha do chòrd: Karaoke
Air an rathad gu Bàgh Halong, stad sinn greis bheag aig Ionad Truacantachd far a bheil mòran dhaoine ag obair, a' dèanamh aodach agus iomadh seòrsa ealain is obair-làimhe eile. Tha cuid mhath dhe na tha ag obair ann ciùrramach, ach chan eil iad a' leigeil leis a sin bacadh a' chur orra. Chòrd e rium math fhèin. Bha e a' faireachdainn sàbhailte, dathach, cofhurtail. Is gann gun creid mi fhathast cho brèagha sa bha an obair-ghrèis agus am bathar eile.
As dèidh sin, ràinig sinn Bai Chay far an deach sinn air bòrd bàta. Tha mi fàs eòlach air mar a tha cùisean ag obrachadh ann a Bhiatnam. Tha mi air ionnsachadh gu bheil ceistean mu airgiod ann an còmhnaidh. Cha do chuir e ionghnadh sa bith orm gum b'fheudar dhuinn dà thiocaid an duine a' cheannach mus leigheadh iad air bòrd sinn! Tha truas agam ri Erin - feumaidh ise a h-uile càil a' rèiteach anns gach àite dhan tèid sinn agus dèanamh cinnteach nach cosg sinn a h-uile dolair a th' againn mus bi sinn air Bhiatnam fhàgail.
Aon uair is gu robh sinn air bòrd, bha am bàta fhèin àlainn, ged a bha eagal mo chorp orm a' feuchainn ri faighinn air bòrd chionns gu robh an staran sìos thuice air cnàmh. Thug am bàta sinn gu uamhan mìorbhuileach - sann a bha e colthach ri bhi am broinn eaglais. Bha iad ciùin is blàth. A' coimhead mun cuairt, chitheadh tu cumaidhean air leth annasach an suas san seo. Àite sònraichte gun teagamh...
An oidhche sin, chaidh sinn chun a chiad karaoke. Obh obh. Fhuair sinn a mach na dh' iarramaid mu dheidhinn - feumaidh mi aideachadh nach e an cur-seachad is fheàrr lam a th' ann, ach chan eil math dhut sin a ràdh a bhos a seo. Tha e colthach gun gabh iad gu h-olc e!
Eilean Cat Ba
Chòrd: Na bailtean beaga
Cha do chòrd: Tuilleadh gleadhraich
'Se Cat Ba an t-eilean is motha ann am Bàgh Halong (tha mu thrì mìle ann dhiu!). Tha sinn a' fuireach sa phrìomh bhaile, baile Cat Ba. Tha e follaiseach gu bheil am baile cleachdte ri luchdturuis. H-uile taobh a sheallas tu, tha taigh-òsda ann. Gu fortanach, tha sinn faighinn cothrom siubhail taobh a muigh a' bhaile. Tha na bailtean beaga sgapte air feadh an eilein fada nas inntinniche. Chòrd e rium glan a' coimhead na cearcan sna beathaichean eile a' ruith timcheall. Tha na daoine an seo bochd, ach abair gu bheil beairteas aca anns a' bhòidhchead agus a' chàirdeas a tha cho pailt an seo. Thug Anna gàire orm nuair a chaidh i gu na taighean-beaga poblach. Leig i sgiamh aisde nuair a dh'fhairich i am fàileadh. B'fheudar dhi sgarf a' cheangal mu a sròn agus a beul. Chan eil i ro mhiosail air an toileat crùbaidh - agus tha mi cluinntinn gu bheil iad nas miosa buileach ann an Sìna...
Bha sinn uair a shìde no dha a' dìreadh cnoc eagallach cas. Dh'fheumainn fhìn is Niall feuchainn ri ruith air thoiseach air Anna is Seòras, feuch am faigheamaid dealbhan dhiù a' dìreadh thugainn. Dearbh cha robh e furasta! Bha mo chasan air chrith mun àm a ràinig sinn am mullach.
An oidhche sin, chaidh sinn a mach gu dinneir ann am baile Cat Ba. Bruidheann air gleadhraich! Tuilleadh ciùil sgriosail. Bha sinna a' feuchainn ri còmhradh ri chèile ach cha chluinneadh tu smid leis an sgriachail. Feumaidh gu bheil mi a' fàs sean!
Lang Son
Chòrd: Karaoke
Cha do chòrd: Minh
B'fheudar dhuinn fuireach aon oidhche ann am baile Lang Son an ceann a tuath Bhiatnam. Bha e cho fuar ris a' phuinnsean. Tha fios is cinnt agad gum bi an rùm agad fuar nuair a tha iad a' sìneadh flasg uisge teth dhut cho luath sa ruigeas tu an taigh-òsda. Tha mi mionnaichte gu robh i nas fhuaire a-staigh na bha i a-muigh.
As dèidh ar dinneir am feasgar sin, phàigh sinn airson seòmar karaoke prìbheideach airson dà uair a thìde. A dh'aona ghnothaich airson a' bhlàiths, tha sibh a' tuigsinn! Ach feumaidh mi aideachadh gun do chòrd e rium glan (rud a chuir ionghnadh orm). Cha robh ach an dusan againn san rùm, is ghabh sinn uile òran no dhà. Chuidich am fìon rus gus ar blàthchadh cuideachd.
Nuair a thill sinn dhan taigh-òsda, shìn am fàiltiche dhomh bileag phàipeir. Cò bhuaithe ach bho Minh. Tha e colthach gu robh e na dheann as ar dèidh, as dèidh ar leantainn bho Hanoi, na dhubh èiginn son an $800 fhaighinn na dhà chròig. Nuair a chaidh mi sìos gu mo bhracaist aig 7.30 an ath mhaduinn, bha e sud romham. Fuar sgìth as dèidh oidhche chur seachad ann an rùm a bha nas colthaiche ri reothadair, thug mi dha $500. Mu choinneamh sin, thuirt e, dhèanadh e cinnteach gum faigheamaid ar teipichean leis a h-uile greim film a thog sinn ann a Bhiatnam a thoirt leinn thairis air a'chrìoch gu Sìna. Gus bhi cinnteach gu fàgamaid an dùthaich, thàinig e còmhla rinn air a' bhus chun na crìche. Nuair a ràinig sinn, thug e a' chasan air gun facal soraidh! Dearbh cha do dh'fhan e a dhèanamh cinnteach gum faigheamaid a null gun mhaill.
Gleann nan Dealan-dè
Chòrd: Fois is sàmhchair
Cha do chòrd: An toileat crùbaidh
Chuir sinn seachad a' cheud là is oidhche ann an Sìna ann an Gleann nan Dealan-dè. `aite beag, ach air leth bòidheach. Chaidil sinn an oidhche sin ann an taighean cumhang 'Dong', taighean fiodha air trosdanan, le dithis againn anns gach taigh.Bha toileat anns gach taigh, ach cha robh dorsan orra. Barrachd air a sin an ceartuair...
As dèidh farum Bhiatnam, se àite mìorbhuileach a bha seo. Beagan fois mu dheireadh thall. Bha e cianail fuar ged tha. Cha robh dad ann a' bhlàthchadh na rùmannan, agus bha sinn a' gabhail ar biadh a muigh. Gu fortanach bha teine beag a-muigh, is dh'fhaodamaid suidhe mun cuairt air. Dh'aindeoin sin, chaidh a h-uile duine dhan leabaidh tràth airson a' bhlàiths - ffeadhainn cho tràth ri seachd uairean feasgar! Tuilleadh is fuar airson do nighe no seasamh fo fhrasair.
Bha mise ann an rùm còmhla ri cuidigin air nach robh mi uabhasach eòlach. Gu mì-fhortanach, bha mo mhionach a' cur car-a-mhuiltein dheth. Cha robh sin ro laghach, is an toileat gun dorus. ma tha i a' leughadh seo, tha mi cianail duilich.
Liuzhou
Chòrd: Uisge teth agus frasair
Cha do chòrd: Faireachdainn meadhanach
Tur eadar-dhealaichte bho shàmhchair Gleann nan dealan-dè, bha Liuzhou farumach, beothail, iona-dhathte. Bha e dìreach sgoinneil faighinn chun an taigh-òsda agus faighinn a mach nach e mhàin gu robh i blàth, ach gu robh uisge teth aca! Bha mi air leth taingeil airson na goireasan sin chionns gu robh mi làn cnatain.
Chaidh sianar againn a-mach a ghabhail biadh feasgar agus abair gu robh e blasda. Fiù's le mo chnatan bha mi faighinn a' bhlas mhìorbhuileach aige. Dh'ith mi pìos buabhaill agus 'se chòrd rium! Bha iomadh rud math eile air a' chlàr-bìdh. Ann an Sìna tha thu roinn biadhanan eadar-dhealaichte le na daoine eile a tha ag ithe còmhla riut - dòigh sgoinneil air biadh ùr fheuchainn.
Brù làn, thill mi chun an taigh-òsda ach am faighinn dhan leabaidh tràth feuch an cuiridh sin ruaig air mo chnatan. Chaidh càch a mach gu bobhladh-nan-deich, agus an uairsin gu club oidhche. Tha e colthach gu robh oidhche mhòr aca!
Chengyang
Chòrd: Còcaireachd na Mnà-p. Wu
Cha do chòrd: An t-sìde fhuar
Bha i gu bhi dorcha an àm a ràinig sinn an taigh-òsda aig Mgr. Wu agus a' bhean ann an Chengyang. Bha i cianail fuar, agus ged a bha an taigh-òsda ùr, bha e brùideil fuar ann. Nuair a shuidh sinn sìos a ghabhail biadh, bha teine fon bhòrd a chuidicheadh gus ar cumail blàth. Bha corra dhuine gan garadh fhèin cho faisg sa b'urrainn dhaibh air teas an teine is gun do loisg iad an stocainnean. Tha còcaireachd na Mnà-pòsda Wu sgoinneil agus tha Mgr. Wu a' dèanamh a dhìchioll gus ar cumail blàth le bhi tabhainn fìon rus dhuinn. Rud sa bith son am fuachd a' chumail a-mach!
Chan eil mòran a' tachairt ann an Chengyang. Tha sinne air tighinn gu Sìna air a gheamhradh is fhuaire a tha air a bhi aca ann an leth-cheud bliadhna. Bha an dealain air greiseag ann an Chengyank ach cha b'fhada gus an deach e dheth. Nuairsin dh'fhàs i cho fuar ris a' phuinnsean. Tha am baile beò air na tha iad a' cosnadh bho luchdturuis, ach se fìor bheag dhiu tha seo. Is beag an t-ionghnadh - tha reothadh ann. Rinn muinntir a' bhaile taisbeanadh cultarach dhuinn, a bheòthaich an t-àite, is se bha feumail air.
Tha e doirbh a bhi sunndach nuair a tha an t-sìde cho dona. Bha Anna air a leamhachadh gun dad aice dhèanamh i, agus bha uallach orm mu Sheòras. Bha e làn cnatain agus bha droch chasadaich air. Bha sinn a' dol a chadal gun snàil aodaich a chuir dhinn - 'sann a bha sinn a' cur barrachd oirnn. Bha i tuilleadh is fuar airson smaoineachadh air d-aodach a' chur dhìot. Cha deach duine faisg air frasair na trì latha bha sinn ann an Chengyang. Chan e gu robh uisge teth ann son thu fhèin a' nighe co dhiù!
'Se brisdeadh-dùil a bh-ann dhuinn uile nuair a chuala sinn gu robh cus deigh air na rathaidean is nach b'urrainn dhuinn dhol a' choimhead na barraidean rus aig Longji. Bha sin a' ciallachadh gu robh sinn nas fhaide ann an Chengyang na bha dùil againn an toiseach.
Yangshuo
Chòrd: Pailteas churseachadan
Cha do chòrd: An ùine ghoirid a bh'againn ann...
As dèidh trì latha, fhuair sinn air falbh bho Chengyang mu dheireadh thall agus chaidh sinn gu baile Yangshuo. Baile meadhanach mòr a th'ann, agus tha an eaconomaidh a' crochadh gu mòr air turusachd. Agus ged nach robh nì cha mhòr ri dhèanamh ann an Chengyang, chan eil fhios agad dè an taobh a thionndaidheas tu ann an Yangshuo. Tha an t-uabhas churseachadan agus chuairtean ann. Eadar tai chi, leasanan còcaireachd, agus ruith nam bùithean, bha gu leòr ann a chumadh Anna is Seòras trang. Bha min dùil gu robh Anna a' dol a' chur a mach nuair a chaidh sinn gu margadh nan tuathanach. Feumaidh mi aideachadh nach robh cus sannd agam fhìn air mo bhiadh as dèidh fhaicinn. Eadar coin, coineanaich, agus cò aig' tha fios dè an còrr, cha robh e colthach ri dad ris a bheil sinne cleachde. Se an rud a b'fhaide leam, na turturan agus an t-slige air a thoirt dhiù ach am biodh iad deiseil dhan neach a cheannaicheadh iad airson brot a' dhèanamh. Bha iad fhathast beò agus a' gluasad mun cuairt. Na creutairean.
Hong Kong
Chòrd: A h-uile sian!
Cha do chòrd: An ùine ghoirid a bh'againn ann...
As dèidh beagan buairidh, chaidh againn air Hong Kong a thoirt a mach. Bha dùil againn trèan-oidhche a' ghabhail, ach chaidh a cur dheth air sgàth na droch shìde, agus mu dheireadh thall, ghabh sinn am plèan. Bha mise riamh a' miannachadh gum faighinn gu ruige Hong Kong, is mar sin bha mi rud beag duilich gu robh nas lugha na ceithir uairean fichead againn ann. Ach rinn sinn cinnteach gun do rinn sinn na b' urrainn dhuinn sna h-uairean sin. Bha sinn uile cho taingeil gu robh sinn blàth mu dheireadh thall - bha Hong Kong fada nas cofhurtaile. Ghabh sinn uile dinneir còmhla feasgar agus bha oidhche sgoinneil againn, ged a bha sinn rud beag tùrsach gun e seo an oidche mu dheireadh còmhla mar bhuidheann. As dèidh colladeug còmhla, cha robh e furasta slàn fhàgail aig càch. Ach abair gu robh e tarruingeach, smaoineachadh air tilleadh dhachaidh! Chuir sinn deagh chrìoch air deagh thurus ged tha. Ach mhionnaich mi gun tillinn gu Hong Kong latha a' choirigin. Gun a bhi ro fhada.
Tha min dùil gun do dh'fhairich Anna is Seòras gu robh an turus luachmhor. Shaoil mise gu robh co dhiù. Agus bha e sgoinneil ùine chur seachad còmhla riuthasan agus Niall agus an còrr dhen bhuidheann.
|