 |
|
Ainm: Anna Mhoireasdan
Aois: 21
Bho: Eilean Leòdhais
An robh thu riamh thall- thairis?
Bha mi ann am Mexico bho chionn dà mhìos agus anns an Tuirc anns a' Chèitean am bliadhna. Cuideachd bha mi aig na Geamannan Eileanach ann an Rhodes as t-Samhradh, a'cluich ball-coise. |

Mar a tha an seanfhacal Gàidhlig ag ràdh, “ ’S fhada shiubhaileas cas bheò.” Fhuair mise an cothrom mòran siubhail a dhèanamh o chionn ghoirid. Fhuair mi cuireadh a dhol air cuairt gu dùthchannan fad as bho companaidh neo-eisimeileach telebhisean – MNE Media. Chuir mi seachad cola-deug a’ siubhal tro ear thuath Bhiatnam, ceann a deas Shìna agus a' crìochnachadh ann an Hong Kong. ’Se turas inntinneach agus dùbhlanach a bha seo oir bha sinn air ar feuchainn gu corporra agus nar n-inntinn. Fhads a bha sinn air ar turas, bha sinn a’ coiseachd, a’ sreap, a’ falbh le baidhseagal agus a’ falbh ann an ‘kayak.’ Cuideachd bha sinn a’ siubhal air plèana, trèana, busaichean, bàtaichean, carbadan agus tacsaidhean. A bharrachd air an seo bha an aimsir ag atharrachadh a h-uile car. Uaireannan le frasan fuar, tìde reòthte, uisge agus uaireannan eile bha beagan grèine againn.
Anns a’ bhuidheann, bha ceathrar à Alba, dithis bhon t-Suain, sianar à Astràilia agus bha an tè os ar cionn a’ coimhead as ar dèidh à Ameireagaidh. Bha diofar aoisean, diofar chultaran agus diofar chànain nar measg agus bha sinn a’ siubhal, ag ithe agus a’ fuireach còmhla fad na cola-deug. Bha e cudthromach a bhith mothachail air feuman chàich a chèile agus sinn gu bhith mar theaghlach airson dà sheachdain.
Bha an camara gar leantainn fad na h-ùine. Thug mi greiseag mus do chleachd mi air an seo agus eagal orm nach be m’ fhìor phearsa fhìn ach pearsa fuadain a choireigin a bhitheadh a’ tighinn tarsaing don luchd amharc. Ach, as dèidh beagan ùine dhìochuimhnich mi gun robh an camara timcheall. Air an oidhche bhitheadh sinn a’ dèanamh agallamh air beulaibh a’ chamara ag innse mu na fairichidhean againn, dè na bha sinn ris an latha ud agus mar a bha an turas a còrdadh rinn. Bha seo airson toirt don luchd amharc sealladh air mar a bha sinn a’ faireachdainn agus an cothrom againn a bhith cho onarach sa thogradh sinn air falbh bho chluasan eile.
Dh’ fhuirich sinn ann an àiteachan a bha cho eadar-dhealaichte, bho taighean-aoigheachd anns nach robh fiù agus burn teth gu taighean-òsta le trì rionnagan. Aig aon àm bha a h-uile stiall aodaich a bha agam nam chois – agus cha bu bheag sin – orm sa leabaidh. Bha mo shròn fhathast cho fuar ri sròn coin!
’S ann ann am Bhiatnam a thòisich sinn ar turas leis a’ bhuidheann gu lèir a’ tighinn cruinn còmhla ann an Hanoi. Chuir sinn seachad ceithir latha ann am Bhiatnam. Thar na ceithir latha a chuir sinn seachad ann am Bhiatnam, thadhal sinn air uamhan, air ospadal ann an uamh, agus air eilean iomallach – Cat Ba. Air an eilean beag iongantach seo bha na daoine a’ coimhead truagh agus mòran a’ tighinn thugad airson rudan a reic – tombaca, uisge, biadh agus a leithid seo. Bha tòrr aca a’ gabhail aire rinn agus e follaiseach gun robh iad gar faicinn neònach.
Bha beagan trioblaid againn a’ dol thar crìoch Bhiatnam gu Sìna, agus iad amharasach mun chamara. A dh’ aindeoin seo, fhuair sinn troimhe. A’ chiad oidhche a chuir sinn seachad ann an Sìna bha sinn ann an àite uabhasach fhèin iomallach. Bha seo glè eadar-dhealaichte ri Bhiatnam agus chan fhaca sinn an seo ach luchd-obrach an àite-fuirich. Bha an àite seo fuar agus cha robh teas no blàths ri fhaighinn ach timcheall air teine beag fiodha a bha a-muigh.
Ann an Sìna, tha dà àite sònraichte nam chuimhne agus ’s iad seo Chengyang agus Yangshuo. Bha sinn trì oidhche anns gach àite. Ann an Chegyang bha mòran obair fiodh àlainn ri fhaicinn, gun sgeul air tarrag – bha e air a’ ghnèidheadh ri chèile. ’S e mion-chànan ‘Dong’ a bhathar a’ bruidhinn an seo. Bha na daoine an seo bochd ach bha iad toilichte - cho fad sa chitheadh sinne co-dhiù. Bha an dòigh-beatha aca cho eadar-dhealaichte, ag obair a’ treabhadh le ‘buffalo-uisge’ agus a’ cur measan agus glasraich eadar-dhealaichte ann am poll.
Bha margaidhean le measan agus glasraich de gach seòrsa air gach sràid agus cha dhiochuimhnich mi am blas math ùr nach fhaigh thu air measan an seo idir. Bha mi ann am margaid eile ann an Yangshuo nach fhaca mi an leithid a riamh agus cha bhithinn airson fhaicinn a-rithist. Cha d’fhuair mi rabhadh sam bith mu na bha mi dol a dh’ fhaicinn agus rinn e cron orm. A bharrachd air measan agus glasraich àbhaisteach bha beathaichean de gach seòrsa a bha fhathast beò cruinn còmhla am broinn chèidsichean. Am measg nam beathaichean seo bha cearcan, rabaidean, cait, coin agus eile. Na beathaichean a tha àbhaisteach dhuinn a bhith ag ith, cha do chur e càil orm, ach fhuair mi e duilich a bhith a’ smaoineachadh gu dè bha dol a thachairt do na cait agus na coin.
Aon oidhche, fhuair sinn an cothrom ar dìnnear fhèin a chòcaireachd. Iasg, cearc agus glasraich gu leòr. Chord biadh Shìna rium agus cha robh e coltach idir ris a' bhiadh Sìneach a cheannaichear anns an dùthaich seo.
Bho Yangshuo, sgèith sinn gus a ruige Hong Kong. ’S ann air trèana air an robh dùil againn a dhol ach bha an aimsir cugallach agus a rèir choltais b' e seo an geamhradh a bu mhiosa a bha air a bhith aca ann an Sìna bho chionn leth-cheud bliadhna. B' fheudar dhuinn a dhol tro chrìoch Shìna airson faighinn a-steach do Hong Kong. ’S e seann cholonaidh a tha ann an Hong Kong, agus shaoil mi gur e àite crìochnachaidh math a bha ann. Bha mòran strì agus spàrn againn mus do ràinig sinn e agus a-nis bha sinn a’ faireachdainn gun robh sinn aig ar ceann uidhe a ruighinn.
Bha Hong Kong gu tur eadar-dhealaichte ri na dùthchannan eile far an robh sinn air a bhith. Bha e air ghoil le daoine, càraichean, togalaichean mòra eireachdail agus bùthan spaideil. Bha Beurla cumanta air an t-sràid an seo. Dh’ aithnicheadh tu gur e colonaidh Breatannach a bha ann aig aon àm agus tha a’ bhuil air fhathast.
Chuir sinn crìoch air a’ phrògram ann an Hong Kong agus sinn a’ sgèith dhachaigh an oidhche sin. Bha mi uabhasach fhèin tàmailteach nach d’fhuair sinn barrachd tìde a chuir seachad an seo. Bha na bùthan a’ coimhead cho snasail agus tarraingeach.
Chaidh sinn air an itealan ann an Hong Kong, stad sinn ann am Bangkok ach cha d’ thàinig sinn dhith an sin. Mach a seo a-rithist gu Dhubai far an d’fhuair sinn itealan eadar-dhealaichte a thug sinn gu ruige Glaschu. Còrr is fichead uair a thìde a’ siubhal. Gu fortanach chaidil mi a chuid mhòr den seo agus tha mi taingeil nach eil eagal orm anns na speuran. As dèidh oidhche ann an Glaschu sgèith mi dhachaigh gu Steòrnabhagh agus bha mi toilichte mo chas fhaighinn a-rithist air “Eilean Beag Donn a’ Chuain.”
Siud an turas, ach dè a’ bhuaidh a bha aige orm? Airson nighean òg a tha à eilean a tha caran iomallach, ’s e cothrom air leth a bha seo. Dh’ ith mi, chunnaic mi, agus rinn mi rudan nach dìochuimhnich mi gu sìorraidh bràth tuilleadh. Ach, a bharrachd air an seo thug e orm a bhith a’ smaoineachadh nach ann anns na tha aig daoine a tha an còmhnaidh toileachas a’ tighinn. Chunnaic mi gu leòr aig nach robh mòran ach bha iad toilichte. B' e seo an dòigh-beatha acasan agus cha robh eòlas aca air dòigh-beatha sam bith eile. Thug seo orm a bhith a’ smaoineachadh gu bheil sinne a leigeil a leithid a chuideam air na tha againn de rudan – stuth nach eil cudthromach agus a' dìochuimhneachadh càch a chèile agus a bhith a' roinn na tha againn ris an fheadhainn aig nach eil càil. Mhothaich mi nach robh iad a’ smaoineachadh anns an aon dòigh ’s a tha sinne anns an iar. Mar eisimpleir chan e an aon seòrsa modh a tha againne agus a tha acasan. Chan eil fiù agus facal aca anns a’ chànan aca airson – tha mi duilich.
Chunnaic mi eisimpleir air mar a tha an siostam poileataigeach aca gan cumail sìos. Chan eil fios aca air càil ach air na leigeas an stàit leotha. Mar eisimpleir chan fhaod iad coimhead ri làrach lìn naidheachdan a’ BhBC. ’S iongantach mura bheil seo airson nach fhaic iad dòighean deamocratach ann an dùthchannan eile.
Mar bhuidheann fhuair sinn air adhart math dha rìreabh, ged a bha sinn cho measgaichte nar dòighean. Cha d’ thàinig briseadh sam bith air a’ chàirdeas agus mar a bha na làithean a’ dol air adhart, ’s ann a bha sinn a’ fàs nas ceangailte air a chèile. Bha sinn a’ coimhead a-mach airson a chèile agus a’ feuchainn a chèile a chuideachadh. Bha tòrr fealla-dhà againn nar measg fhìn agus chòrd seo rium. Bha mi uabhasach fhèin brònach nuair a dhealaich sinn ann a Hong Kong agus sinn air a bhith còmhla ann an dùthaich choimheach airson laithean fada fad cola-deug. ’S e suidheachadh duilich a bha ann, a bhith a’ smaoineachadh nach coinnicheadh sinn a-rithist.
’S dòcha gu bheil sibh a’ faighneachd – “An robh càil idir ann nach robh math?” Nach eil fhios gun robh. Bhruidhinn mi mu thràth air na beathaichean bochd a bha siud ann an cèidse a’ feitheamh ri bhith air an spadadh. Tha mi fhathast a’ feuchainn ris an dealbh sin a chuir gu cùl m’ inntinn. Ach, ’s e rud eile nach do chòrd ruim – na taighean-beaga. Bha iad uabhasach. Bha dùil agam gu robh taighean-beaga na Frainge dona ach bha iad seo buileach. Toll as an làr gun phana gun àite-suidhe. An leig mi leas a chòrr a ràdh? Ach saoilidh mi gun do thog na rudan seo taingealachd nam chridhe. Taingealachd airson a h-uile goireas a tha againn nach robh mi a’ saoilsinn càil dheth ron seo. A h-uile madainn nuair a bhitheas mi anns an fhrasair, cuimhnichidh mi air Sìna agus cho salach, steigeach agus mì-chàilear sa bha mi a’ faireachdainn anns an taigh-fuirich as dèidh latha ri coiseachd agus ri siubhal ann an carbad nach robh ro ghlan. Bha mo chasan goirt agus bha an sgìths a’ laighe orm. Ach, càite am faighinn cofhurtach fras theth a thogadh an sgìths agus a bhlathaicheadh na cuislean goirt? Cha robh driog de bhùrn teth ri fhaighinn. Agus, a bharrachd air an seo bha e cho fuar agus nach b’ urrain dhomh eadhon smaoineachadh air aodach a chur dhìom. Glè thric ’s e a rinn mi ach an tuilleadh aodaich a chur orm agus leum don leabaidh mar a bha mi.
Bithidh mo shùil air Sìna, agus Bhiatnam gu bràth tuilleadh ma chluinneas mi iomradh orra anns na naidheachdan. Tha leasachadh a’ tighinn bhon a h-uile taobh, gu h-àraidh ann an Sìna. Mèinnean, cumhachd dealain, gnìomhachasan de gach seòrsa, malairt nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus smachd aca air marsantachd an t-saoghail.
An dùil an tig deamocrasaidh thuca ann an Sìna gu bràth? An deamocrasaidh a tha iad a’ feuchainn ri chumail bhuapa. ’S e tìde a dh’ innseas. ’S e dùthaich farsaing, iongantach agus inntinneach a tha ann an Sìna agus tha mi an dòchas gun soirbhich leotha ach gum bi seo ceangailte ri saorsa.
Seach gu robh sinn a’ siubhal a h-uile latha chan fhaca sinn uidhear agus a bu chaomh leinn de bheatha-làitheil na daoine. Bu chaomh leam cothrom a bhith agam, barrachd measgachadh a dhèanamh le sluagh an àite, agus beagan a bharrachd ionnsachadh mun dòigh beatha aca. Ach a dh’ aindeoin seo fhuair mi obair smaoineachaidh a chumas rium airson iomadach latha. Fhuair mi leudachadh air mo thuigse, air meudachadh an t-saoghail a tha a-muigh an siud, nam mìltean de dhaoine den a h-uile seòrsa dath agus cànan agus caith-beatha. ’S e fèin-fhiosrachaidh air leth a bha ann.
Agus a-nis, Sear gu Siar – cò ris a bhitheas am prògram coltach? Bithidh seallaidhean àlainn ann, chithear dathan an àird an ear agus àiteachan nach eil luchd siubhail a’ dol ann ro thric. Bithidh spòrs agus fealla-dhà ann, iomadach dòigh siubhail agus a’ chainnt mhilis mhàthaireil a thug sinn linn gach taobh a chaidh sinn. |