Tha an dithis ann am buidheann-siubhail eadar-nàiseanta, agus chan eil latha a' dol seachad gun dùbhlan mun coinneamh; tha iad gam putadh fhèin gu iomall an spionnaidh ach am faic iad nas urrainn dhaibh dhe na seallaidhean iongantach ann an cuairt nach mair ach cola-deug. Cha robh cothrom iad fhèin a nighe no aodach glan a' chur orra fad ceithir latha, eadar reothadh cruaidh agus cion uisge: cuimhneachan gu bheil astar mòr eadar iad fhèin agus goireasan an taighe.
Tha neart nan sian nan aghaidh agus deigh air an rathad a' bacadh an oidhirp gus faighinn gu barraidean rus Cnaimh-droma an Dragain ann an Sìna. Bho na h-uamhan seunta is na binneinean aol-chlach ann am Bàgh Halong ann am Bhiatnam gu mullach Beinn Victoria ann a Hong Kong, se slighe air leth inntinneach a tha an sgioba òg a' gabhail tro ear-thuath Bhiatnam agus Sìna a deas, anns a' chuairt ma dh'fhaoidte is caochlaidiche a thaobh cultar agus cumadh tìre.
|