 |
|
Ainm: Janice Ann NicAoidh
Aois: 20
Bho: Eilean Leòdhais
An robh thu riamh thall- thairis?
Tha mi air a bhith ann am Barcelona, Carolina a deas, Orlando, Romania agus Paris.
|

Bha mi cho fortanach is gun deach mo thaghadh gus pàirt a' ghabhail anns an t-sreath telebhisein Sear gu Siar. Chaidh mo thaghadh airson an turus gu Afraga agus 'smi bha toilichte mu dheidhinn. Chan eil faclan air a shon ach turus a thig aon uair nad bheatha, agus reidhinn ann a-rithist a-màrach nam faighinn an cothrom. Bha sinn cola-deug air a' chuairt agus chaidh againn air na h-uibhir a' dhèanamh, is gun deach an tìde seachad na dheann fhad's a bha sinn air falbh. Chaidh mis' air a' chuairt còmhla ri balach air a bheil Dòmhnall a Nis ann an Leòdhas. Cha do thachair mi ris riamh roimhe ged a bha sinn a' fuireach air an aon eilean. Sin a' sealltainn dhut cho mòr 's a tha an t-eilean! Còmhla rinn bha ar stiùiriche, Alasdair, agus fear a' chamara, Niall. Fhuair sinn uileag air adhart glè mhath còmhla agus chuidich sin leis cho math sa chòrd a' chuairt rinn.
Dh'fhàg sinn port-adhair Ghlaschu mu shia uairean sa mhaduinn air an deicheamh latha den Ghearran, air plèan gu Amsterdam. As a sin ghabh sinn plèan eile gu Johannesburg ann an Afraga a Deas. Bha sinn gu math nas fhaide air an dara plèan, nas coltaiche ri turus tarsainn a' Chuain an Iar, mu dheich uairean a thìde uile gu lèir; cha do chaidil mise no Dòmhnall norra air a' phlèan, bha an ceann na bhoil a' smaointinn air dè bha romhainn. Bha a h-uile duine cho sgìth ri cù a' ruigheachd port-adhair Johannesburg ach dh'fheumamaid dhol tron chuspainn mus fhaigheamaid a-mach as. Cha do thuig sinn cho fada sa bheireadh sin, bha sinn còrr is uair an uaireadair a' seasamh ann an loighne mus d'fhuair sinn air falbh on phort-adhair a bha cho teth agus gun èadhar. Bha an taigh-òsda againn pìos math bhon phort-adhair agus cha do ràinig sinn gu as dèidh meadhan-oidhche. Bha a h-uile duine air an sàrachadh gu am brògan agus cha robh dad air a shon ach tuiteam dhan leabaidh.
LATHA 1
Chaidh mo dhùsgadh air còig uairean sa mhaduinn le gnogadh air an dorus. Bha mi air cadal tro ghlag a' ghleoc agus nach robh an t-am againn falbh! Cha d'fhuair mi riamh deiseil ann an ùine cho goirid: còig mionaidean agus bha mi air pacaigeadh agus nam shuidhe sa mhinibus deiseil airson falbh. Seo am minibus anns am bitheamaid a' siubhal fad na dà sheachdain a bha romhainn, le ar dràibhear T.J., a bhiodh cuideachd gar treòrachadh air an turus. Shuidh mise ann an cùl a' bhus feuch am faighinn sìneadh tarsuinn nan suidheachan agus beagan cadail fhaighinn, ach cha b'fhada gus an do thuig mi nach leiginn a leas smaoineachadh air, bha na rothaidean làn thuill is cha robh am bus ach a' bocaideach thairis orra. Bha sinn air an rathad cha mhòr fad' an latha. Bha mòran mhìltean ann mus ruigeamaid Nata ann an ear-thuath Botswana. Bha againn ri dhol a null air a chrìoch eadar Afraga a Deas agus Botswana, bha sin inntinneach e fhèin, bha an luchd-obrach a' coimhead gu math dùrachdach agus ann an dòigh cha robh e ro eadar-dhealaichte bho Chuspainn nan Stàitean Aonaichte. Se a' ghlac ar n-aire, mi-fhèin is Dòmhnall, na biastagan mòra a chitheadh tu air feadh bhallaichean oifisean a' chuspainn agus a-muigh. Tha e colthach gun e greollain armaichte a bh'annta, frìdean mòra grannda. Cha bu toigh leam an coltas idir. Ach se bha seo ach comharra air dè bha ri thighinn!
A' tighinn faisg air Nata dè chunnaic sinn ach dà ailbhean ag ionaltradh gu socair ri taobh an rothaid! Cha robh fhios' agam dè chanainn. Cha b' urrainn dhomh creidsinn cho mòr sa bha iad, agus mar a lean iad orra a' criomadh gu dòigheil is sinne gan coimhead. Ràinig sinn làrach campa na h-oidhche sin aig àm dinneireach. Chuir sinn suas ar teantaichean cho luath sa ràinig sinn, chionns gu robh i a' fàs dorcha mu thràth. Ann an Afraga tha a' ghrian a' dol fodha mu sheachd uairean feasgar, agus tha i a' dol a sealladh gu luath. Ghabh sinn ar dinnear san dorchadas cuide ri buidheann eile a bha gu bhi còmhla rinn airson a' chòrr dhen turus. Dh'fheumamaid ithe san dorchadas chionns gu robh an solus a' tarruing biastagan beaga air an robh stink bugs agus nan tuiteadh iad dhan bhiadh againn, chuireadh iad blas sgreamhail air. Bha mise air m' fhaiceall nuair a' chuala mi seo, agus cha do dh'ith mi mòran! Fhad's a bha sinn a' gabhail ar biadh, dh'innis fear-iùil bhon champa dhuinn gum facar leòmhainn aig closach ailbhein faisg air làimh is chaidh fhoighneachd dhuinn bu toigh leinn dhol a mach air an oidhche air lorg fiadh-bheathaichean. Bha sinn uile deònach leòmhainn fhaicinn is dh'eubh sinn gu robh! Mach leinn tro na preasan anns na carbadan safàraidh. Bha toirdsichean làidir againn feuch am faiceamaid sùilean nan leòmhann san dorchadas. Bha sinn timcheall air dà uair a thìde a' siubhal ach chan fhaca sinn aona leòmhann; chaidh sinn gu closach an ailbhein a bha làn chnuimheagan agus cha chreid mi gun do dh'fhairich mi fàileadh cho gràineil riamh. Bha e dìreach sgreamhail, theab mi dìobhairt. Thachair sinn air ailbhean beò a measg nam preasan ach chlisg e romhainn is dh'fhalbh e mach a sealladh ann an tiotan. Cha shaoileadh tu gun gluaiseadh creutair cho mòr, cho luath sud, ach abair gun gluais!
LATHA 2
An àird tràth an diugh a-rithist. Dh'fheumamaid pacaigeadh is bhi deiseil airson falbh beagan as dèidh sia. Chaidh sinn an diugh a null air a' chrìoch eadar Botswana agus Zambia. Bha againn ri dhol a-null thar an Zambezi, abhainn mhòr fharsaing a tha na crìoch nàdarra eadar ceithir dùthchanan. Chaidh sinn a-null air bàt'-aiseig, agus ged a bha mise is Dòmhnall gu math cleachde ri aiseagan, le bhi fuireach air eilean, tha na h-aiseagan againne tur eadar-dhealaichte. Se bha seo ach eathar beag, gun druim idir, agus cha toireadh i leatha ach aon làraidh agus càr no dhà: cha robh againne ach seasamh air an deic fhad's a bha i a' dèanamh a slighe a-null gu Zambia. Bha sealladh iongantach aig na crìochan, othail is ùpraid. Bha na ceudan dhaoine a' giùlan soithichean bìdh is uisge is iomadh rud eile, a' feitheamh ri faighinn a-null. Abair gu robh sùil ac' oirnne - tha mi cinnteach chionns gu robh sinn a' coimhead a-mach as an àbhaist, agus bha dà chamara gar leantail!
As dèidh dhol a-steach do Zambia, agus comharra fhaighinn air ar ceadan-siubhail, rinn sinn air baile Livingstone, far am bitheamaid a' fuireach airson dà oidhche. Bha teas ann an diugh a bha smaointeanach, bha sruth fallais asainn uile agus cha robh dòigh air faochadh fhaighinn bhon teas. Ràinig sinn mu mheadhan latha agus chuir sinn suas ar teantaichan. Feumaidh mi aideachadh nach robh mi fhathast cleachde ri cuir suas an teant: fhuair mise co dhiù tè nach robh ro mhath, le pòlaichean càm!
Nuair a bha a h-uile càil deiseil, chaidh mi lorg frasair fuar, rud a bha dìreach mìorbhuileach as dèidh bhi muigh ann an teas faisg air 40 ceum. Nuair a thill mi bha na balaich uile a' coimhead muncaidh a bha faisg air làrach a' champa. Lean sinn e a measg nan craobh a bha ri taobh na teantaichean againn, agus sann an uairsin a' mhothaich Dòmhnall do mhuncaidh beag òg agus smaoinich e gun rachadh e nas fhaisge a thoirt sùil cheart air - MEARACHD MHÒR! Cha chuala sinn ach sgriach bho aona mhuncaidh, nochd an uairsin treud dhiu mach as na craobhan agus rinn iad oirnn nan deann! Mach a seo sinne cho luath sa b'urrainn dhuinn. Ruith mise a-staigh dhan teant is dhùin mi an dorus. Bha an teant fo chraobh agus fhad's a bha mise na broinn, bha na muncaidhean shuas anns na craobhan a' sadail mheasan is mheanglan air an teant agam. Eagallach!
Nas anmoiche air an fheasgar chaidh sinn a-mach air bàta air an Zambezi nuair a bha a' ghrian a' dol fodha. Seo an abhainn mhòr a tha a' cruthachadh Eas Victoria, agus cha robh an eas ach pìos shìos bhon champa againn. Chitheamaid an cathadh uisge nuair a bha sinn a-muigh air a' bhàta. Se Mosi o Tunya a th'aig muinntir an àite air, a tha a' ciallachadh, a' cheò tàirneach. Chòrd e rium uabhasach seòladh air an abhainn, agus thachair sinn air grunnd dhaoine inntinneach, feadhainn aca a' dèanamh obair thaic; bha e math cluinntinn mun deagh obair a bha iad a' dèanamh ach bha e gu math duilich cuideachd faighinn a mach an droch bhuaidh a th' aig galairean is bochdainn air muinntir nan dùthchanan sin.
LATHA 3
Chaidh sinn air heileacoptar os cionn na h-easa an diugh! Bha e dìreach mìorbhuileach! Cha robh mise riamh roimhe ann a heileacoptar agus se bha sgoinneil airson a' cheud turus! Bha an sealladh a fhuair sinn air an eas agus an dùthaich mun cuairt dìreach iongantach. Chaidh sinn sìos tro mhòr-ghil na h-aibhne agus bha e colthach ri rudaigin a mach a film! Null sa nall a' leantail lùban na h-aibhne.
Chaidh sinn cuideachd air lorg fiadh-bheathaichean ann an teàrmann nàdair nach robh uabhasach fada bhon làrach campachaidh. Bha e glan fhèin! Chunnaic sinn an t-uabhas bheathaichean, chunnaic sinn siorafan, impala, zebra, wart hogs, buabhall, each-aibhne cianail mòr, agus rhino dubh cho faisg ri faisg. Cha robh air fhàgail dhiu san sgìre ach e fhèin agus tha e colthach nach robh e furasta a lorg. Ach bha sinn fortanach gun do thachair sinn air luchd-faire na pàirce, a tha a' dìon na beathaichean anns a' phàirc bho phoidsearan. Thug iadsan a' choimhead an rhino sinn agus leig iad leinn tighinn a mach as a' charbad agus coiseachd suas thuige. Cha mhòr nach ruigeadh do làmh air is cha robh e a' carachadh. Suarach cho saoirsneal sa bha mi faireachdainn le rhino cho faisg oirnn nuair a bhathar a' togail an dealbh agam fhèin is Dòmhnall ri thaobh, sann a bha ar cùl ris fhad's a bha iad a' tarruing na deilbh. Tha mi a' smaoineachadh gu robh mo chridhe a' bualadh a dheich uibhir 's as àbhaist dha! Cha b'urrainn dhomh chreidsinn gu robh sinn cho faisg air a bheathach seo agus gu robh e cho soitheamh. Bha e follaiseach gu robh e cleachde ri daoine.
Nuair a thill sinn chun a' champa, bha ar caraidean ùra a' feitheamh oirnn ... na MUNCAIDHEAN! Bha sreath dhiu air an fheansa a' feitheamh nuair a thàinig sinn a-mach as a charbad. Cha leigeadh an t-eagal leamsa dhol faisg orra as dèidh mar a thachair an latha roimhe! Dh' fheumamaid bhi aonaichte, an ceathrar againn a' dèanamh ar slighe seachad orra còmhla agus iadsan gar coimhead. Tha e èibhinn a nis ach bha sinn gu math gealtach aig an àm!
LATHA 4
Tràth air ar cois an diugh. Bha againn ri bhi an àird agus deiseil aig a ceithir son dhol gu pàirc nan ailbhean a bha faisg air làimh. Chaidh sin an uairsin air muin ailbhean! Bha e mìorbhuileach! Dh'fheumadh tu streap suas seòrsa de dh' àradh gus faighinn gu druim an ailbhein, sin agad cho mòr sa tha iad! Bha mise is Dòmhnall air ailbhean air leth mòr leis an ainm Mashumbi. Bha sinn mu uair a thìde a' marcachd air, ach cha do dh'fhairich e cho fada sin idir. Chaidh sinn tro phàirc nan ailbhean air fad agus chaidh sinn fiù's tarsainn abhainn air na h-ailbheanan, bha sin dìreach iongantach. Bha stiùireadair air gach ailbhean, agus dithis nan suidhe air a' chùlaibh. Bha druim an ailbhein cho leathann is gu robh do chasan a mach nan dà stob air gach taobh: bha e ceart gu leòr aig an toiseach ach mun àm a bha sinn ullamh, bha mo chasan gu math goirt. Fhuair sinn an uairsin an cothrom am fodradh. Thug sinn dhaibh cnòthan: dh'fheumadh tu do bhois a' chumail dìreach agus dheocadh iadsan suas na cnòthan len truncaichean. Faireachdainn neònach!
As dèidh tadhal air na h-ailbhein chaidh sinn gu Eas Victoria. Cho luath sa ràinig sinn thuig sinn sa mhionaid carson tha muinntir an àite a' gabhail "a' cheò thàirneach" oirre. Chluinneadh tu torrunn na h-easa fada bhuaipe. Aig toiseach an t-slighe a-staigh, ghabhadh poncho uisge fhaighinn air màl. Fhuair sinn fear an duine ach dè feum a bha sin mu choinneamh na bha romhainn. Bha frith-rathad a' ruith sìos tarsainn bhon eas, le deagh shealladh dhen eas bhuaithe - sealladh cho brèagha sa chunnaic mi riamh nam bheatha. Tha neart nan uisgeachan a' tuiteam a' cruthachadh cathadh-uisge a tha ri fhaicinn mìltean air falbh. Mar sin tuigidh sibh dè nì e orrasan a tha nan seasamh a' coimhead na h-easa! Tha mi cinnteach gu robh sibh uileag a-muigh ann an dìle is deàrrsach ach se rud eile bha sud! Bha a h-uile duin' againn bog fliuch. Tha drochaid mu choinneamh na h-easa cuideachd agus nuair a bha sinn a' dol a-null air an drochaid, bha steall uisge a' sruthadh a-nuas oirre! Chan e mhàin sin, ach bha a' cheò agus an dìle cho dùmhail is gun ann air èiginn a' chitheamaid càite robh sinn a' dol. Cha b'urrainn dhomh sgur a' ghàireachdraich, a' smaoineachadh air cuidigin gar coimhead a' dèanamh seo, is sinn a' coimhead cho gòrach! Air an t-slighe a mach bhon eas bha sreath de stàlaichean a reic fiodh-snaidhte. Bha iad uile a' reic cha mhòr an aon rud, agus abair gu robh iad math air reic, oir reic iad corra rud dhòmhsa ged nach robh càil a dhùil agam dad a' cheannach.
As dèidh na stàlaichean bha sinn air ais air an rathad air an t-slighe gu ar ceann-uidhe, Pàirc Nàiseanta Chobe. Bha againn ri dhol a-null air a' chrìoch gu Botswana a-rithist. Bha i sgriosail teth an diugh, bha mi gu leaghadh anns a' mhinibus! Bha an teas gar fàgail uile gun lùths fad an t-siubhail. Ràinig sinn Chobe aig àm dinneireach agus bha a' bhuidheann eile a bha còmhla rinn dìreach air tilleadh as dèidh bhi an tòir air bheathaichean, on a dh'fhàg iad Livingstone gu math nas tràithe na sinne. Bha cop mum beòil leis an naideachd nach e mhàin gum fac' iad leòmhann ach chunnaic iad e a' marbhadh, dà thurus! Cha chreidinn e! Ach bha iad fiù's air dealbhan a thogail, bha iad sgoinneil! Bha mi eagallach deònach leòmhann fhaicinn air an turus, mur a faicinn ach aona bheathach, mhiannaichinn gun e leòmhann a bhiodh ann. Bha sinne gu bhi air an aona chuairt air lorg bheathaichean sa mhaduinn, agus bha ceud cabhag oirnn faighinn ann, agus fhios againn gu robh leòmhann timcheall!
LATHA 5
Dh'fhalbh sinn an tòir air fiadh-bheathaichean aig còig uairean sa mhaduinn. Bha mi dìreach nam bhoil. Bha sinn a' dràibheadh timcheall airson beagan uairean a thìde, agus chunnaic sinn grunnd bheathaichean, ach gu mì-fhortanach cha robh sgeul air aona leòmhann. Se brisdeadh-dùil a bh'ann dhomh fhèin is do Dhòmhnall nach fhaca sinn an leòmhann. Bha sinn dìreach a' fàgail na pàirce nuair a stad an dràibheir gu clis is thuirt e rinn a bhi sàmhach. Chunnaic sinn crathadh dhuilleag a measg nan craobh agus thàinig treud ailbhein a-mach! Bha an t-uabhas ann dhiu agus ghabh iad tarsainn an rothaid dìreach air cùl a' charbaid againn, stad feadhainn aca dìreach ri mo thaobh, bha mise nam shuidhe aig cùl a' charbaid, an taobh air an robh iad. Bha buille mo chridhe na leum chionns bha fhios agam dè dh'fhaodadh iad a' dhèanamh. Chaidh innse dhuinn oidhche no dha na bu tràithe gun do mharbh ailbhean cuidigin aig làrach campa, gun do thog e boireannach leis an trunc, gun do chrath e mun cuairt i agus gun do stamb e oirre uair is uair! Bha an dealbh seo na mo cheann nuair a bha na h-ailbhein mun cuairt oirnn, ach aig a cheart àm bha mi làn iongnaidh gan coimhead.
Phacaig sinn ar bagaichean cho luath sa thill sinn chun a' champa, deiseil gus falbh chun an ath champa aig Maun. Bha sinn beagan uairean a thìde air an rathad. Stad sinn aig bùth anns a' bhaile ach am biodh gu leòr againn airson ar cuairt dhan fhàsach. Bha a h-uile càil cho saor! Cha robh Tesco no Asda a' tighinn faisg air!
An oidhche sin nuair a bha mi nam shìneadh anns an teant a' feuchainn ri cadal chuala mi fuaim anns an oisean. Las mi an toirds agam sa mhionaid agus dè chithinn san t-solus ach an damhan-allaidh bu mhotha a' chunnaic mi riamh nam bheatha! An tuirt mi gu robh eagal orm romhpa? Cha toigh leam fiù's an fheadhainn bheaga a th'againn aig an taigh, gun tighinn air a' bhiast seo, is tuigidh sibh dè rinn mi! Mach as an teant nam dheann, gam thruiseadh is gam bhualadh fhèin eagal's gu robh e orm! Ruith na balaich a-mach as na teantaichean acasan a' choimhead dè bha dol - agus a' mhagadh ormsa, agus se sin a' rinn iad. Bha e inntinneach nach do thabhainn duin' aca an damhan-allaidh a' ruagadh air falbh, sann a dh'fhuirich iad gus an tàinig dithis bhoireannach on sgioba againn a' dhèiligeadh leis. Cha robh cabhag sa bith orm a' tilleadh dhan teant fiù's ged a chaidh an damhan-allaidh fhuadach as, ach cha robh rian agam norra cadail a' dhèanamh an oidhche sin as dèidh clisgeadh mar sud.
LATHA 6
Nochd làraidh mhòr leis an arm aig a' champa maduinn an diugh gus ar toirt dhan dealta. Phacaig sinn a h-uile càil agus thilg sinn na bagaichean an cùl an làraidh còmhla rinn. Leig iad as an làraidh sinn aig oir slighean-uisge an dealta, far an do choinnich sinn ris an luchd-iuil a bhiodh a' coimhead as ar dèidh airson beagan lathaichean. Bha iad eòlach air a bhi muigh air an dùthaich agus air an trèanadh airson na mokoro a' stiùireadh. Se seòrsa de chanù a th'aca san dealta a th'ann am mokoro. Dh'innis balach dhomh gun e K.T. an t-ainm a bh'air, gum biodh e ga mo threòrachadh-sa agus a' stiùireadh a' chanù agam airson dhà no trì lathaichean. Phacaich na fir-iùil na mokoros leis an stuth againne, agus dh'fhalbh sinn, dithis agus stiùiriche anns gach canù. Sheòl sinn anns na mokoro gu eilean fada am broinn an dealta. Abair gun leigeadh tu d'anail annta - chòrd e rium math fhèin.
Nuair a bha sinn uile deiseil, na teantaichean an àird is mar sin, dh'fhalbh sinn cuairt a dh'fhaighinn eòlas air an eilean. Bha e fada nas motha na bha mi an dùil a bhiodh e. Nas anmoiche air an fheasgar chaidh sinn cuairt eile sna mokoro nuair a bha a' ghrian a' dol fodha. Chunnaic sinn crogall [pìos bhuainn!] agus cuideachd dà each-aibhne air leth mòr. Cha do thuig mise cho cunnartach sa tha iad gus an tuirt fear dhe na stiùirichean gu robh iad a' marbhadh mòran a' bharrachd dhaoine na tha leòmhainn.
LATHA 7
Moch-èirigh an diugh a-rithist airson cuairt safàraidh eile. Bha seo eadar-dhealaichte bhon dè, chunnaic sinn tòrr a' bharrachd bheathaichean agus dh' ionnsaich sinn beagan mun deidhinn. Chunnaic sinn ailbhean, treud sioraf agus treud zebra. Chaidh na zebra seachad dìreach ri ar taobh, bha e iongantach am faicinn cho faisg, se beathaichean àlainn a th'annta. Se Zebra beathach nàiseanta Botswana. Phòs a' chiad cheannard a bh'air an dùthaich, agus a bha dubh, boireannach geal, agus roghnaich esan an zebra mar shamhla dhen aonta eadar daoine dubha agus daoine geala. Chunnaic sinn cuideachd hyenas pìos bhuainn agus nuair a dh'fhoighnich sinn dhan luchd-iùil dè an seòrsa bh'annta, thuirt iad gun e feadhainn dhonn, nach dèan dad ort. Ach chaidh ràdh rinn air ais aig a' champa gun e feadhainn bhreac a' chunnaic sinn, an fheadhainn chunnartach a reubas as a' chèile thu! Tha mi cinnteach nach robh an luchd-treòrachaidh deònach eagal a' chuir oirnn ach cha do chòrd breugan rium.
Nas anmoiche air an fheasgar dh'fheuch sinn fhèin ri na mokoro a' stiùireadh. Tha agad ri seasamh aig aona cheann den chanù agus a phutadh tron uisge le pòla fada fiodha. Tha mise ag innse dhuibh gu bheil e gu math nas duilghe na tha e a' coimhead! Feumaidh tu neart na do ghàirdeanan agus a bhi cinnteach air do chasan. Rinn mi a' chùis mu dheireadh thall agus chùm mi mi-fhèin tioram - ach cha b' e sin do Dhòmhnall e, chuir esan seachad barrachd ùine san uisge na anns a' chanù! Bheireadh e gàire air cat!
Chionns gun e nochd an oidhche mu dheireadh againn air an eilean, rinn na fir-iùil cuirm mun cuairt teine a' champa. Chluich sinn geamaichean an toiseach, nuairsin sheinn iad dhuinn agus rinn sinn beagan dannsa afragach! Bha e sgoinneil! Bha oidhche shònraichte math fhèin againn.
LATHA 8
Phacaig sinn suas a h-uile càil agus thill sinn gu Maun anns na mokoro maduinn an diugh. A-rithist, se turus gu math socair a bh'ann. Chòrd e rium uabhasach math anns an dealta, mar a gheibheadh tu fois ann, agus bha e math fuireach ann an àite airson barrachd air aon oidhche, le cothrom beagan eòlais a' chur air, seach criosad troimhe.
Bha làraidh mhòr an airm a' feitheamh rinn nuair a ràinig sinn taobh thall an dealta, deiseil gus ar giùlan air ais gu làrach campachaidh Maun far an do choinnich mi ris an damhan-allaidh. Bha ceud cabhag orm gus faighinn fon fhrasair as dèidh trì latha san teas gun cothrom nighe. Cho luath sa bha an diathad seachad rinn air an fhrasair - agus nuair a thàinig mi mach, bha na balaich a' feitheamh orm le na soithichean; robh iad air na panaichean a' chuir am bogadh? No fiù's tòiseachadh air na soithichean? Cha robh dad dheth. Sann a dh'fhan iad gus an robh mise ullamh anns an fhrasair, is gum faigheadh iad fhèin ann - a' fàgail na soithichean agamsa. 'S mì nach robh dol a' chur suas leis a sin gun guth a' ràdh! Agus chaidh sinn far a chèile.
Nuair a bha mi ullamh a' glanadh na soithichean salach nam ònar, chaidh sinn cuairt ann am plèan os cionn Dealta Okavango am feasgar sin. Bha e sònraichte math a' faicinn an àite far an robh sinn air a bhi a' fuireach bhon adhar agus chunnaic sinn tòrr bheathaichean cuideachd. An aon rud nach robh cho math se am plèan, tè bheag nach toireadh leatha ach sianar, gun fionnarachadh èadhar idir, agus bha sinn dìreach gu bruich innte!
An oidhche sin rinn an luchd-obrach aig an làrach campachaidh dinnear sgoinneil dà chùrsa dhuinn agus bha e cianail math. Ghabh sinn uile glainne no dha as dèidh na dinneireach agus fhuair sinn a mach barrachd mu chàch-a-chèile. Deagh oidhche a bh'ann agus dh'fhan feadhainn air an cois gu uairean beaga na maidne. Cha robh mise nam measg, bha mi air fàs cleachde ri dhol a chadal tràth.
LATHA 9
An diugh shiubhail sinn gu deas, gu Teàrmann Khama airson rhino. Bha sinn air an rathad a' mhòrchuid den latha. Nuair a ràinig sinn an làrach campachaidh dè a' chiad rud a' chunnaic sinn ach taigh-òsda àlainn agus taighean ròiceil air an làrach. Bha mise is Dòmhnall an dùil gu robh treat romhainn, cothrom cadal ann an leabaidh airson aon oidhche, an dara oidhche mu dheireadh. Nach sinne bha gòrach! Chaidh sinn seachad orra gu làrach eile far an do chuir sinn suas na teantaichean airson an turus mu dheireadh.
Am feasgar sin chaidh sinn an tòir air na beathaichean san teàrmann mun àm a bha a' ghrian a' dol fodha. Ged is e teàrmann rhino a bh'ann, bha mòran bheathaichean eile ann. Chunnaic sinn siorafan faisg oirnn, struthan, eich-aibhne, impala, zebra agus warthog. Bha e sgoinneil a' faicinn uibhir de rhino còmhla ann an aon àite - thuige seo cha robh sinn ach air aonnan fhaicinn.
As dèidh sin ghabh sinn glainne no dha aig an taigh-òsda, mus do thill sinn chun a' champa a' dhèanamh na dinneireach. Bha sinn anmoch air ar cois a nochd, a' bleadraich mu na chunnaic agus na rinn sinn, agus na tachartasan a b'fheàrr air an turus. Se bha math smaoineachadh gun i seo an oidhche mu dheireadh a' cadal ann an teant agus a' cleachdadh frasairean poblach, ach bha e duilich cuideachd a' smaoineachadh gun i seo an oidhche mu dheireadh nar aona bhuidheann còmhla agus gu robh ar cuairt cho luath a' tighinn gu crìch.
LATHA 10
Bha a h-uile càil air a phacaigeadh againn agus deiseil airson dèanamh as, ach am biodh ùine againn slàn fhàgail aig a h-uile duine is sinn a' dealachadh. Bha e caran cianalach a' fàgail soraidh aig daoine air an d'fhuair sinn eòlas càirdeil, is a h-uile teansa nach fhaiceamad gu bràth tuilleadh iad. Thog sinn tòrr dhealbhan dhen bhuidheann còmhla a' mhaduinn sin mus do dh'fhalbh sinn.
Cha mhòr gun fhiosda dhuinn bha sinn air an rathad gu Johannesburg. Bha againn ri dhol a-null air a' chrìoch eadar Botswana agus Afraga a Deas. Chunnaic sinn na greollain mhòra a-rithist ach cha do chuir iad eagal sa bith orm an turus seo!
Ràinig sinn ar taigh-òsda anmoch air an fheasgar. Se bha math leabaidh fhaighinn, frasair ceart agus cothrom mo ghruag a thiormachadh le èadhar bhlàth! Chaidh sinn a-mach gu dinnear an oidhche sin ann an Ceàrnag Nelson Mandela. Àite mòr farsaing leis an t-uabhas thaighean-bìdh, taighean-seinnse, bùidhean agus taigh-dhealbh. Chaidh sinn gu taigh-bìdh afragach, bha e eireachdail na bhroinn, an taobh a-staigh air a sgeadachadh ann an nòs afragach agus daoine a' cluich air ionnsramaidean afragach; a bharrachd air a sin bha feadhainn ann a pheantadh samhlaidhean afragach air d'aodann nan togradh tu: fhuair mise, Dòmhnall agus Niall ar n-aodainn a' pheantadh. Rinn iad eagallach grinn e - agus bha am biadh air leth math cuideachd.
LATHA 11
Cha robh cabhag èirigh orm an diugh airson a' chiad uair bhon a thàinig sinn air an turus. Se bha math! Rinn sinn beagan siubhail air feadh a' bhaile an diugh, agus thill sinn chun a' Cheàrnag a ruith nam bùidhean. Bha tìde againn ri chur seachad gu seachd uairean feasgar agus chaidh sinn a' choimhead film chionns gu robh e san aon togalach. Airson a' chòrr dhen ùine cha robh sinn ach a' suidhe muigh am meadhan a' Cheàrnaig le deochanan fuara agus a' coimhead na bha dol mun cuairt. Bha sinn a' bruidheann air an turus, agus na nithean a b'fheàrr a' chòrd rinn. Bha e doirbh aon rud a thaghadh! Bha liuthad rud ann a' chòrd rinn uile mu dheidhinn! Dh'fhàg sinn am baile nas anmoiche air an fheasgar airson a' phort-adhair. Cha b'urrainn dhomh chreidsinn gu robh ar cuairt ullamh mu thràth, chaidh e seachad na dheann.
LATHA 12
Bha sinn air a' phlèan agus bha ar turus seachad cha mhòr gun fhiosda dhuinn. Bha sinn uile a' faireachdainn caran ìosal air a' phlèan dhachaidh, fhios againn gu robh sinn a' tilleadh gu sìde ghruamach gheamhraidh na h-Alba as dèidh bhi sa ghrian agus le blàths nas àirde na deich thar fhichead ceum. Thuirt sinn soraidh slàn ri chèile ann an Glaschu agus sud e, turus seachad! Ach rinn sinn an t-uabhas ann an ùine cho goirid.
Dh'fhàg ar cuairt mi a' miannachadh gu mòr dhol a shiubhal a-rithist. Tha a h-uile dùil agam tilleadh gu Afraga ann an ùine gun a bhi fada, agus barrachd tìde a' chur seachad anns gach àite. Agus tha mi a' cur romham gum faic mi leòmhainn fhiadhaich. Abair gun e cuairt ionnsachaidh a bh'ann an Afraga agus cha dì-chuimhnich mi gu sìorruidh e. Dh'fhosgail e mo shùilean do ghrunnd dhe na ceistean cudthromach ann an Afraga, agus gu dè da-rìreabh a th'ann an duilgheadasan. Dh'fhàg e mi nas taingeile airson na th'agam, agus tha mi air leth toilichte gun d'fhuair mi ann. Thillinn am màrach nam faighinn an cothrom.
|
|



 

 




|