Sear Gu Siar
 

Donald  

Ainm: Dòmhnall MacSuain

Aois: 24
Bho: Nis, Eilean Leòdhais
An robh thu riamh thall- thairis?
Bha mi ann an Èirinn aon turas!

Leabhar-latha Domhnall

Aig toiseach 2008, bha mise mar phàirt den sgioba Sear gu Siar a thadhal air ceann-a-deas Afraga.  Bha mi uabhasach toilichte a dhol a dh’Afraga seach gu bheil ùidh mhòr agam ann am beathaichean agus anns an àrainneachd, ‘s bha mi dhan bheachd gun b’ e Afraga an t-àite a b' fheàrr san t-saoghal airson seo – ‘s nach mi bha ceart!  Chuir sinn seachad cola-deug a’ siubhal timcheall Afraga a Deas, Botsuana agus Zambia, far am faca mi iomadach sealladh agus beathach iongantach.

‘S e an teas a chiad rud a bhuail mi nuair a ràinig sinn Johannesburg, bha e faisg air 20 ceum Celsius aig meadhan oidhche – ‘s e ‘shock to the system’ a bha sin an dèidh Nis fhàgail latha ron a sin aig toiseach a’ Ghearrain!  Bha e duilich cadal leis an teas a bh’ ann tron oidhche ach bha e buileach dona tron latha, suas gu 40 ceum uaireannan.   Cha robh sinn a' faighinn faochadh fiùs nuair a dh’fhosgladh sinn uinneag sa bhus nuair a bha sinn a’ siubhal aig 70 mìle san uair – bha e mar blast a bhios tu faighinn nuair a dh’ fhosglas tu àmhainn.

Co-dhiù, ‘s e na beathaichean an rud as cudromaiche dhomhsa, chan eil mi smaoineachadh gun dìochuimhnich mi gu bràth co ris a bha e coltach nuair a chunnaic sinn a chiad ailbhean; tha mi smaoineachadh gun do chuir sinn seachad cairteal na h-uarach ga choimhead – ‘s an uairsin chunnaic sinn sia no seachd eile mìle sìos an rathad!  Tha mi creids’ gum faca sinn mu 50 thairis air a chola-deug agus ‘s e beathaichean iongantach agus cunnartach a th’ annta!  Bha TJ, an dràibhear ag innse dhuinn mu an liuthad daoine a tha iad fhèin agus na hippos a marbhadh gach bliadhna – tòrr a bharrachd na leòmhainn, rhinos, m.s.a.a.  Cha b’ e dìreach na beathaichean mòra, mar rhino, ailbhean agus sioraf a chunnaic sinn idir, bha an t-uamhas dhaolagan eadar-dhealaichte ann mar Armoured Cricket agus biast mòr de dh' ioma-chasach ach tha mi fhèin a smaoineachadh gur e an cèardabhan-buachrach am beathach is fheàrr a chunnaic mi air an turas, abair beathach beag neònach – ‘s bha cho làidir cuideachd!

Chan eil fhios ‘am dè an rud is fheàrr a rinn mi air an turas, bha cùisean a fàs nas fheàrr ‘s nas fheàrr a h-uile latha.  Tha mi creids gur e feadhainn dhe na ‘highlights’, a chiad ailbhean fhaicinn, nuair a chaidh sinn gu Victoria Falls, a bhith cho faisg air rhino fiadhaich agus an sgreuchail a bha tighinn bho Niall nuair a thàinig na muncaidhean as ar dèidh! Tha iad ag ràdh nach bì an camara ag innse bhreug ach tha mise cinnteach às gun robh na muncaidhean ‘ud, co-dhiù, sia troighean a dh’ àirde!  Abair eagal a chuir iad air Niall ‘s Alasdair ged tha!

Bha sgioba uabhasach math againn ann an Afraga ‘s tha mi smaoineachadh gun d’ fhuair sinn air adhart an ìre mhath math còmhla ri chèile – ach cha mhòr nach robh buaireadh ann an latha a bha Janice Ann san shower airson faisg air uair a thìde gu leth!  ‘S mi tha toilichte nach eil mi pòsta!!!

 

 


Earrannann Bhideo

Cunntas air Neach-siubhail
DonaldJanice

Cunntas air Criubha
AlistairNiall

Slighe

Gailearaidh Dheilbh