 |
|
Ainm: Alasdair MacAoidh
Dreuchd: Riochdaire / Stiùiriche |

As dèidh turas fada plèana agus a' gabhail fadachd nar seasamh a' feitheamh ann am port-adhair Johannesburg [a' feitheamh ri faighinn tron chuspainn agus gus an sgrùdadh iad an uidheam againn] ràinig sinn mu dheireadh thall ar seòmraichean cadail san taigh-òsda mu dhà uair sa mhadainn. Bha cha mhòr ceithir uairean fichead on a dh'fhàg sinn Glaschu agus bha sinn uile gu math sgìth. Dèanaimh dealbh dhe cho sona sa bha sinn gu robh againn ri bhi deiseil airson falbh aig còig uairean sa mhadainn, airson a' cheud là dhen a' chuairt Afraganach.
Nuair a nochd an dràibhear, a bha gu bhi gar treòrachadh air an turas, se fuamhair duine a bh'ann; cha robh e fhèin ao-coltach ri leòmhann le na ciabhagan fada tiugha. 'Se T.J. a theireadh iad ris: bha dùil againne bhi anns a' mhinibus aige còmhla ri feadhainn eile a thàinig thar chuain ach cha robh ann ach sinn fhèin agus bha sin nas fheàrr buileach: dh'fhàg e barrachd àite againn dhan uidheam camara is eile.
Mach leinn air an rathad, a'dèanamh gu tuath, gu Botswana. Bha an ceathrar againn a nis fo chùraim T.J. Bha clàr-siubhail againn ag innse càite am bitheamaid gach oidhche, ach sin è - cha robh càil a dh'fhios againn dè thachradh càite no fiù's cuin. Mar chriubha, dh'fheumadh Niall, fear a' chamara, agus mise mar stiùiriche, a bhi air faire fad an t-siubhail air an turas seo, deiseil gus rud sa bith a thachradh dhan dà shiùbhlaiche chalma againn, Janice is Dòmhnall, a' thogail air film. 'Se fìor dhùbhlan a bha seo dhuinne mar chriubha: cha bhiodh ach an aona chothrom ann, tachartas a' ghlacadh. Dh'fheumamaid a bhi air ar faiceall agus mar bu trice bha dà chamara deiseil airson film fhaighinn de rud inntinneach sa bith a bha dol. Dh'innis mi dhan dithis aig toiseach ar turais, nam faiceadh iad rud sa bith nach fhac' iad roimhe no nan tachradh dad dhaibh airson a' chiad uair riamh gum bu chòir dhaibh innse dhuinn ach am faigheamaide dealbh dhe na faireachdainnean aca mu na bha a' tachairt mun cuairt orra. Dòmhnall gu h-àraid - cha deach esan riamh roimhe nas fhaide bho Nis na Èirinn.
 |
|
 |
Cha b'fhada mus robh teas an latha a' bualadh oirnn agus aig a' chiad chothrom stad, thòisich sinn air an ungaidh-grèine a' shuathadh oirnn. Bha beagan uairean a thìde air dhol seachad mus do leig Dòmhnall a-mach gun e sud a' chiad uair riamh a chuir e boinne ungaidh-grèine air a' chraicionn: cha do smaoinich e riamh air innse dhuinn aig an àm, is mar sin cha do ghlac sinn a' cheum ùr a bha seo air film!
Bha an t-acras a' tighinn oirnn uile agus bha sinn mionnaichte gu robh i faisg air tràth-diathaid, gu h-àraid on nach d'fhuair duin' againn aona ghreim bracaist a' mhadainn sin. Sùil air ar n-uaireadairean agus cha robh i ach naoi uairean! Sann an uairsin a thuig mi gu robh latha fada agus mìltean mòra romhainn fhathast!
Sann a' dràibheadh gu Botswana a' chunnaic sinn beathaichean fiadhaich airson a chiad uair - thachair sinn air treud mhuncaidhean a' gabhail tarsainn an rothaid; nuairsin aig ionad-faire na crìche chunnaic sinn biastagan neònach uiread ri làmh nach fhaca duin' againn an leithid riamh roimhe. Se bh'annta, greollain armaichte, le coltas eagallach orra ach cha robh cron sa bith annta.
Se an rud a b'fheàrr builleach mun chiad là ged tha, tràth air an fheasgar agus sinn a' dèanamh air campa na h-oidhche ann am Botswana. Ri taobh an rothaid bha grunnan ailbheanan, is gun iad greim nas fhaide na fichead meatair bhuainn. Se sealladh do-chreidsinneach a bh'ann dhuinne, agus ged a tha mi cinnteach nach eil muinntir an àite a' saoilsinn càil dheth, bha e mìorbhuileach a bhi cho faisg air beathaichean cho mòr - gu h-àraid nuair a thàinig sinn a mach as a bhus airson film fhaighinn dhiu!
Bha an turas gu lèir gu math trom oirnn mar sgioba, agus mar bu trice se cion a' chadail a bu choireach. Cha mhòr a h-uile madainn bha sinn an àird agus a-mach aig a còig, agus am bitheantas bha meadhan-oidhche ann mus rachamaid a laighe. Bha sàr bhuannachd againne a bha ag obair mar chriubha: dh'fheumamaid a bhi air ar cois agus deiseil gus film a thogail de Janice is Dòmhnall ag èirigh a h-uile madainn, agus cha robh againn air a shon ach eubhannan a' guidhe rinn teiche is tarraing! Bha a' chiad oidhche air leth annasach dhuinn uile - chaidh ar toirt a-mach gun rabhadh air chuairt a measg preasan dùmhail Afraga ann an carbadan fosgailte 4x4, air lorg leòmhainn! Sann a bha gach seòrsa daol is frìde a' faighinn lorg oirnne, ach an-dràsta sa rithist bho chùl a' charbaid chitheamaid sùilean a' deàrrsadh a measg nan duilleagan, ach bha e doirbh dèanamh a-mach dè na beathaichean a bh'ann. Abair ged tha gun do dh'aithnich sinn an ailbhean nuair a theab sinn bualadh ann san dorchadas, agus fhuair Niall dealbh dhe is e a' toirt a' chasan air a measg nan craobh.
 |
|
 |
Bha sinn treis a' fàs suas ri bhi cadal ann an teantaichean is làn fhios againn gu robh beathaichean fiadhaich mun cuairt, gu h-àraid on nach robh greim feansa ann a' chumadh beathaichean a-mach as a' champa. Chaidh làrach spògan leòmhainn fhaicinn sa champa an oidhche sin, agus chluinneamaid ailbhean a' cagnadh dhuilleag, faisg air an àite far an do chuir sinn suas na teantaichean, nuair a bha sinn a' crùbadh am broinn nam pocan-cadail. 'S iomadh oidhche air an turas a' chlisgeadh tu nad dhùisg ri fuaim rudaigin a' sporghail timcheall na teant, agus bha ceud cabhaig ann an toirds a lasadh feuch an robh e da-rìreabh a-muigh - no am broinn na teant!
Bha an turas na thachartas sònraichte dhuinn uile. Uair is uair fhuair sinn gu math faisg air beathaichean fiadhaich, agus sann le cuideachadh an luchd-treòrachaidh agus T.J. a chaidh againn air dealbhan cho sgoinneil fhaighinn. Bha T.J. air leth foighidneach le ar n-iarrtasan, agus bha e an còmhnaidh deònach ar cuideachadh nuair a bha sinn a' filmeadh. Bha e làn fiosrachaidh mun sgìre, agus mu dhualchas nàdair an àite, agus chuir e gu mòr ris na fhuair sinne as an turas. Tha e gu math doirbh dhòmhsa an rud is fheàrr a chòrd rium a' thaghadh, oir bha de nithean sònraichte ann. Ach dh'fheumainn facal a ràdh mun turas a thachair sinn air an rhinoceros ann an Zambia, is e air a chuartachadh le freiceadain-faire is gunna AK47 aig gach fear fo aclais. Bha againne mar sgioba a bhi gu math faiceallach faisg air beathach cho cunnartach, ged nach robh againn ach ùine ghoirid airson film a thogail dhe na bha tachairt. Bì cuimhne agam cuideachd mar a b'fheudar dhuinn teiche bho na muncaidhean mortach olc nach sguireadh ar ruagadh, nuair a chuir Dhòmhnall an caoch orra aig a' champa ann an Zambia - bha sud cho èibhinn ri dad a thachair air ar cuairt. Tha film againn a tha colthach ri earrann den Blair Witch Project, agus is dòch' nach fhada gus am bi e air an làrach-lìn - cumaibh sùil a-mach!
|
|



 

 




|