Le meudachd Afraga mun coinneamh - farsaingeachd iarmailt, raointean fosgailte, slighean uisge gun cheann, beathaichean eagallach ach mìorbhuileach - is tric tha an dithis òga gun fhios aca dè chanas iad ris na tha tachairt is na tha a' nochdadh gu h-obann. Campachadh nad ònar ann an teant - feuchainn ri cadal is tu cluinntinn na beathaichean fiadhaich mun cuairt - coiseachd, gun armachd, tron choille iargalta: abair gu bheil seo tur eadardhealaichte bho chomhfhurtachd agus bho dhòigh-beatha àbhaisteach an taighe air Eilean Leòdhais. Aghaidh ri aghaidh ris an eagal, criosad air buille a' chridhe, lèithean a' teannachadh, nuair a nochdas ailbheanan, eich-aibhne agus rhinoan - gun ghuth air na màgarain snàigeach neònach a tha tighinn nas fhaisge buileach; tha an dachaigh dà-rìreabh fad' air falbh!
Siubhal tro bhruthainneachd slighean-uisge Dealta Okavango, seòladh air abhainn chiùin àlainn Zambezi, a' coimhead mìorbhuileachd Eas Victoria, agus gan sàrachadh a' coiseachd an fhàsaich fo theas grian an t-samhraidh ann an Afraga: astar mòr bhon gheamhradh ris an do chuir iad cùl an Alba.
Prògram a dh'fheumas sibh fhaicinn, le Janice is Dòmhnall nas dlùithe ri ainmhidhean annasach agus beatha an-àbhaisteach a-muigh, na bhiodh iad fhèin air smaoineachadh gu bràth. |